Gabhail Ar Pàirt 2022

English Gàidhlig

 

 

Ro-ràdh a’ Mhinisteir

Maree Todd – Minister for Public Health, Women’s Health and Sport

Tha mi air leth toilichte a bhith a’ cur na h-aithisg seo an aithne dhuibh às dèidh dìreach beagan is bliadhna san dreuchd seo; bliadhna sa bheil mi air leantainn air adhart air mo bheò-ghlacadh leis an dòigh sa bheil spòrsalba air taic a chur ri com-pàirtichean air feadh na roinne spòrs, gnìomhachd chorporra agus chur-seachadan, nar ath-shlànachadh bhon ghalar-sgaoilte.  

Ann an ro-ràdh na bliadhna an-uiridh, bha mi an dòchas gun robh amannan na b’ fheàrr a’ tighinn. Ged a tha an dà mhìos dheug mu dheireadh air dùbhlain leantainneach a nochdadh, tha an aithisg seo a’ togail air an obair chudromach a tha air a bhith a’ gabhail àite leis an roinn air fad gus taic a thoirt do choimhearsnachdan agus daoine gu bhith gnìomhach, agus a rinn diofar don leithid de dhaoine air feadh Alba.  

Tha mi air mo dhòigh a bhith a’ faicinn barrachd spòrs a’ tilleadh, a bhith comasach air faighinn a-mach agus coinneachadh riuthasan a tha an sàs ann an lìbhrigeadh air feadh na dùthcha. 

Tha mi gu h-àraid toilichte a bhith a’ faicinn cuideam làidir air in-ghabhail a’ leantainn follaiseach san aithisg seo. Tha seo nas cudromaiche buileach agus sinn a’ dèiligeadh ri buaidhean a’ ghalair-sgaoilte agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil an siostam spòrs uile ag obair gus taic a chur ri com-pàirteachadh tarsainn bhuidhnean uile agus dèiligeadh ri neo-ionannachdan. Tha mi misneachail gum faod sinn leantainn a’ dèanamh adhartas san raon seo.

Bha am prògram Rach A-steach don t-Samhradh na eisimpleir math den roinn a’ tighinn còmhla gus cothroman a thoirt do chlann, daoine òga agus teaghlaichean ath-cheangal a dhèanamh, fealla-dhà a bhith aca agus a bhith gnìomhach gu corporra. Chòrd e rium a bhith a’ cluinntinn mu na mòran phrògraman atharrachail agus ùr-ghnàthach a ghabh àite air feadh Alba rè an t-samhraidh mu dheireadh agus tha fios agam gum bi buaidh mhòr aca sin air mòran chloinne agus dhaoine òga a ghabh pàirt.

Tha an galar-sgaoilte air ionnsachadh dhuinn gu bheil co-obrachadh deatamach ma tha sinn a’ dol a dhèiligeadh ri dùbhlain agus barrachd adhartais a dhèanamh a dh’ionnsaigh Alba nas gnìomhaiche. Tha mi a’ coimhead air adhart ri coinneachadh ri barrachd de na daoine iongantach a tha a’ lìbhrigeadh tarsainn na roinne agus a’ tadhal air barrachd phrògraman a tha ag obair gus seo a choileanadh.

Maree Todd – Ministear Slàinte Phoblach, Slàinte Bhoireannach agus Spòrs

 

Air ais chun mhullach

 

 

Àrd-shealladh

Is e spòrsalba am buidheann nàiseanta airson spòrs. Is e ar lèirsinn, Alba a tha gnìomhach agus far a bheil gach neach a’ faotainn buannachd bho spòrs.

Tha sinn a’ tasgadh ann an goireasan Righaltas na h-Alba agus a’ Chrannchuir Nàiseanta gus muinntir na h-Alba a chuideachadh leis a’ bhuannachd as àirde fhaighinn bhon t-siostam spòrs.  

Siostam spòrs do na h-uile  

 

 

Is e Coileanadh ar Pàirt 2021-22 ar n-ath-sgrùdadh bliadhnail. Tha e a’ còmhdach an treasamh bliadhna de ar ro-innleachd, Spòrs Fad Beatha.

Sa Ghiblean 2021, dh’aontaich sinn ar plana gnothachais do 2021 agus às dèidh sin. Tha seo a’ dèanamh iomradh air mar a lìbhrigeas sinn ar gealltanas a thaobh ar ro-innleachd chorporra, Spòrs Fad Beatha, agus aig an aon àm a’ cur taic ris an t-siostam spòrs gus faighinn seachad air galair mòr-sgaoilte a’ Choròna-Bhìorais (Covid-19). 

Mar phàirt de seo, leasaich sinn frèam-obrach ath-sgrùdaichte air tomhas coileanaidh. Tha seo gu sealach gar gluasad air falbh bho bhith ag aithris air ar tabhartas a thaobh Frèam-obrach Bhuilean Alba Ghnìomhach (ASOF). An àite sin, tha an aithisg seo a’ gabhail a-steach:

  • Grafaichean-fiosrachaidh a tha a’ taisbeanadh ar n-adhartais an aghaidh nam prìomhachasan ro-innleachdail nar plana gnìomha geàrr-amail: cur taic ris an roinn agus cur taic ris a’ cho-chomann.
  • Sgrùdaidhean cùise a tha a’ togail air buaidh ar gnìomhan co-obrachail le com-pàirtichean tarsainn an t-siostam sa bhliadhna mu dheireadh.  

        #PlayingOurPart2022

 

Air ais chun mhullach

 

 

 

Ath-sgrùdadh an Àrd-Oifigeir

Stewart Harris

Mar a tha Alba a’ leantainn air adhart ag ath-shlànachadh bho bhuaidh a’ Choròna-bhìorais (COVID-19), tha mi air leth moiteil às a’ phàirt a choilean ar siostam spòrs, agus a’ leantainn air adhart a’ coileanadh, san ath-shlànachadh sin.  

Tha an roinn uair eile a’ cothachadh ri dùbhlain, agus ’s e ar prìomhachas thar na bliadhna a dh’fhalbh taic a chur ri gnìomhachd chorporra, agus ri com-pàirtichean spòrs is chur-seachadan tro na dùbhlain sin agus air ais a dh’ionnsaigh àbhaisteachd.  

Tha an siostam spòrs air mòr-fhulangas a nochdadh agus tha gnìomhachd chorporra is spòrs air àite deatamach agus uaireannan neartaichte a choileanadh aig cridhe nan coimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Cha robh sin air a bhith comasach às aonais obair dheatamach nam proifeiseantach agus nan saor-thoileach tarsainn sgioba-obrach a tha aig cridhe-taic ar siostaim spòrs agus a’ dol fada thairis air an dleastanas gach latha.

Tha a bhith ag obair gu dlùth le com-pàirtichean ionadail, nàiseanta agus ro-innleachdail air a bhith aig teis-meadhan an t-seòlaidh tro na dùbhlain sin, agus leanaidh an co-obrachadh sin gu bhith fìor riatanach mar a bhios ath-shlànachadh a’ sìor dhol air adhart.

Feumaidh sinn uile gabhail ri dòighean obrach ùra, ach tha mi glè mhisneachail gun dèan an an roinn gnìomhachd chorporra agus spòrs is chur-seachadan dìreach sin.

Tha an t-ath-sgrùdadh bliadhnail seo a’ còmhdach bliadhna far an robh sinn fhathast a’ dèiligeadh ri cuibhreachaidhean nar dòigh beatha, ach tha e cuideachd a’ nochdadh an adhartais a tha dèante gus daoine fa leth agus coimhearsnachdan fhaighinn air ais an sàs ann an gnìomhachd. Bu mhath leam taing a thoirt do gach neach bho air feadh an t-siostaim a tha air am pàirt fhèin a choileanadh san oidhirp.

Stiùbhart Harris, Àrd-Oifigear, spòrsalba

 

Air ais chun mhullach

 

 

 

Coileanadh ar pàirt an lùib a’ Choròna-bhìorais

Thar na bliadhna a dh’fhalbh, is e ar prìomhachas a bhith a’ cur taic ris an roinn a thaobh ath-shlànachadh bho ghalair a’ Choròna-bhìorais (COVID-19) agus aig an aon àm a’ dèanamh cinnteach gu bheil coimhearsnachdan air feadh Alba a’ cumail orra a’ faotainn bhuannachdan bho spòrs agus gnìomhachd chorporra às leth an slàinte inntinn agus bodhaig.

Is e pàirt chudromach, ar n-obair leantainneach le com-pàirtichean ionadail, nàiseanta agus ro-innleachdail gus fiosrachadh àrd-ìreil a thional mu bhuaidh COVID-19 air spòrs agus gnìomhachd chorporra. Ghlèidh sinn ar modh-obrach sùbailte a thaobh inbheisteadh, a’ cur taic ri ath-shlànachadh agus dèanamh cinnteach gum b’ urrainn don roinn freagairt do fheumalachd ionadail agus cuideachadh le taic a thoirt do choimhearsnachdan air feadh Alba a dh’aindeoin an troimh-chèile a bha a’ leantainn.  

Tha Sgoiltean Gnìomhach air feadh na dùthcha air a bhith a’ togail air na dàimhean a chaidh a stèidheachadh aig àm a’ ghlasaidh. Tha seo air ruigsinneachd a’ phrògraim a leudachadh a-mach gu clann agus daoine òga nas so-leònte agus neo-cheangailte. Tha co-ionadan spòrs coimhearsnachd a’ leantainn orra a’ leudachadh an raoin de thaic do choimhearsnachdan ionadail gus dèiligeadh nas fheàrr le am feumalachdan. Tha mòran cho-ionadan a-nis a’ stiùireadh taic do na buidhnean as motha a dh’fhuiling bhon ghalar-sgaoilte.

Tha sinn air cuimseachadh barrachd orrasan as motha aig a bheil feum air taic leithid daoine òga bho sgìrean bochda easbhaidheach, a tha air a bhith ann an cùram no neo-ghnìomhach. Bha a bhith ag obair le buidhnean treas roinne gar cuideachadh gu bhith a’ tuigsinn nas fheàrr agus ag obair leis na buidhnean dhaoine òga gu h-àrd. Tha am modh-obrach iomlan againn air atharrachadh”. – Manaidsear Sgoil Ghnìomhach

Bha sinn ag obair le 32 ùghdarras ionadail agus urrasan chur-seachdan gus £1.4m a thasgadh tron phrògram Gabh Pàirt san t-Samhradh. Bha seo ag amas air cuideachadh le dèiligeadh ri buaidhean àicheil a’ ghalair-sgaoilte le bhith a’ toirt chothroman do chlann, daoine òga agus teaghlaichean air tuarastal ìosal, a bhith a’ conaltradh agus ag ath-cheangal le comhaoisean. Tarsainn Alba, bha raon farsaing de chothroman spòrsa agus gnìomhachd chorporra in-ghabhalach an-asgaidh ri taobh roghainnean ann am biadh fallain agus taic ionmhasail is còmhdhail.

Chuir sinn taic ri planaichean ath-shlànachaidh gu nàiseanta agus gu h-ionadail le bhith a’ tabhainn chothroman planaidh còmhnaidheach aig ar n-Ionadan Nàiseanta ann an Inbhir Chluaidh agus Loidse a’ Ghlinne Mhòir, do ar prìomh chom-pàirtichean nuair a bha cuibhreachaidhean a’ ceadachadh. Bha seo a’ toirt ùine agus farsaingeachd do chom-pàirtichean air planadh agus ullachadh airson ath-shlànachadh às dèidh Covid, ann an Ionad Nàiseanta brosnachail a tha coisrigte do spòrs. Sholaraich sinn cothrom a-steach gu àiteachan choinneamhan, togail sgioba agus gnìomhachdan spòrs is àite-fuirich gun chosgais sam bith. Thug sinn luchd-obrach spòrsalba cruinn còmhla le com-pàirtichean gus leantainn air adhart a' leasachadh air planadh amalaichte tarsainn spòrs.  

“Bha àm mìorbhaileach aig an luchd-obrach a bha a’ gabhail tlachd às a’ chothrom air ath-cheangal mar sgioba, aghaidh ri aghaidh. Bha an ùine chuimsichte thar luaich fhad ’s a tha sinn a’ leantainn air adhart ag ath-shlànachadh agus ag ath-thogail nas làidire às dèidh a’ phandamaig. Bha an goireas fhèin agus an luchd-obrach air leth. Bha sinn cofhurtail, bha gach nì againn air an robh feum, agus nas cudromaiche na sin bha sinn a’ faireachdainn sàbhailte a thaobh Covid. Cha robh sinn air a bhith comasach dà latha cho buadhmhor a lìbhrigeadh às aonais ur taic”. Ball-lìn Alba

Cho-obraich sinn gu dlùth le Riaghaltas na h-Alba le leasachadh air pasgain stiùiridh agus taic, a’ gabhail a-steach cuideachadh ionmhasail airson spòrs tarsainn Alba gus soirbheachadh bho bhuaidh a’ challa air teachd-a-steach thiogaidean, a bha air adhbhrachadh leis a’ phandamaig. Lean sinn air adhart a’ solarachadh taic do bhuidhnean riaghlaidh spòrs Alba (SGB), com-pàirtichean ionadail agus buidhnean spòrs eile gus an stiùireadh sònraichte fhèin a leasachadh fhad ’s a ghluais sinn tro na h-atharrachaidhean ann an cuibhreachdadh agus reachdas. A’ cuimseachadh air tilleadh gu spòrs, chuir sinn taic ris an sgioba-obrach proifeiseanta tro ruigsinneachd air raon de thrèanadh agus ghoireasan air-loidhne, uile a chaidh a leasachadh ann an co-rèir ri beachdachaidhean COVID-19. 

Thug sinn taic do lùth-chleasaichean agus spòrs gus dèanamh cinnteach gun coileanadh iad na h-inbhean teisteanais iomchaidh gus a bhith air an taghadh airson Geamannan Parailimpeach agus Oilimpigeach Geamhraidh Beijing ann an 2022.  Air adhart air Geamannan a’ Cho-fhlaitheis Birmingham ann an 2022, lìbhrig sinn 34 bùth-obrach do 618 lùth-chleasaichean agus 89 luchd-taic. Tha prògram Sgioba Alba faisg air a bhith crìochnaichte le 90% de lùth-chleasaichean creideasaichte air an liostadh fad-amail bho 31 Màrt 2022.

Thug sinn fiosrachadh agus taic riatanach do chom-pàirtichean tro ar sianalan conaltraidh. Cho-obraich sinn le com-pàirtichean gus ath-shlànachadh agus ath-cheangal dhaoine a bhrosnachadh agus a chuideachadh air ais gu spòrs. Chuir sinn an gnìomh iomairtean conaltraidh targaidte a’ cuimseachadh air buannachdan spòrs agus gnìomhachd chorporra adhartachadh, leithid #FeelYourPersonalBest agus #TrySomethingNew. Thug sinn cuideachadh do Phannal Spòrs ar Daoine Òga gus an iomairt Kit for All aca adhartachadh gus daoine a bhrosnachadh gu spòrs a bha iad a’ meas ath-chuairteachadh agus ath-sgaoileadh, agus com-pàirtichean a bhrosnachadh gu am modalan ionadail fhèin a chruthachadh.

Tha fios againn nach robh buidhnean sònraichte de dhaoine buailteach com-pàirteachadh ann an spòrs agus gnìomhachd choporra ron a’ phandamaig. Tha na buidhnean sin fhèin nas motha ann an cunnart bho neo-ionannachdan a tha a’ fàs nas miosa fhad ’s a tha sinn a’ tilleadh gu spòrs. Is e prìomh fhòcas fhad ’s a tha sinn a’ gluasad a dh’ionnsaigh ath-shlànachadh, am foillseachadh air ar Modh Co-ionannachd, Iomadachd agus In-ghabhail ùr. Tha seo a’ toirt ar dealais a thaobh in-ghabhail gu teis-meadhan gach nì a tha sinn a’ dèanamh nar beatha. Tha sinn air bunaitean làidir a thogail le bhith a’ leasachadh raon de dh’innealan, goireasan, cothroman trèanaidh is conaltraidh. Cuiridh iad sin taic ris an roinn ann an leasachadh cleachdadh in-ghabhalach agus am modh-obrach ùr a neadachadh nan obair làitheil.

Mar a bhios sinn ag èirigh às a’ phandamaig, tha sinn a’ tuigsinn gu bheil dùbhlain mhòra mu choinneamh an t-siostaim spòrs. Feumaidh sinn leantainn air adhart a’ co-obrachadh agus a’ planadh ath-shlànachadh air spòrs agus gnìomhachd chorporra. Bidh in-ghabhail aig a chridhe. Leanaidh sinn air adhart a’ prìomhachadh ar goireasan timcheall air na cothroman aig a bheil a’ bhuaidh as motha air slàinte inntinn agus sunnd dhaoine. Is e ar n-amas an siostam ath-neartachadh, daoine ath-cheangal le spòrs agus iadsan nach eil ceangailte a tharraing a-steach gu co-cheangal a-rithist. Bidh am plana gnìomha ath-shlànachaidh fad-amail agus teachdaireachdan cunbhalach don roinn, air a leasachadh leis an fhòram ro-innleachdail de luchd-ùidhe bhon roinn spòrs is gnìomhachd chorporra, a’ cuideachadh le dèanamh cinnteach à fulangas agus freagairteachd nas motha do na dùbhlain a tha ri teachd. 

 

Air ais chun mhullach

 

 

Ar taic

  • Tional agus a’ roinn fiosrachadh mun bhuaidh aig Coròna-bhìoras (COVID-19) tarsainn na roinne spòrs agus gnìomhachd chorporra.
  • Cur taic ri planadh gnìomh ath-shlànachaidh fad-amail agus teachdaireachdan cunbhalach don roinn.
  • Solarachadh modh-obrach sùbailte is freagairteach do thasgadh agus taic stèidhichte air feumalachdan chom-pàirtichean, a’ gabhail a-steach sruthan tasgaidh targaidte a bharrachd. 
  • Leasachadh leantainneach air stiùireadh, goireasan agus trèanadh sònraichte airson tilleadh gu spòrs ann an co-rèir ri cuibhreachaidhean ag atharrachadh.
  • Cur taic ri lùth-chleasaichean gnìomhaidh aig a bheil miann com-pàirteachadh ann an Geamannan Oilimpigeach is Parailimpeach an t-Samhraidh Tokyo 2020 a ghabh àite ann an 2021, Geamannan Oilimpigeach is Parailimpeach Geamhraidh Beijing ann an 2022 agus Geamannan a’ Cho-fhlaitheis Birmingham 2022, gus tilleadh gu trèanadh agus farpais mar a cheadaicheadh cuibhreachaidhean.
  • Lìbhrigeadh iomairtean chonaltraidhean gus buannachdan spòrs agus gnìomhachd chorporra adhartachadh.

Air ais chun mhullach

 

 

Mun dàta

Tha an dàta san aithisg seo bho sgrùdadh cunbhalach a-staigh agus suirbhidh ar com-pàirtichean don robh 158 freagairt. Chleachd an t-suirbhidh eismpleirean furasta gus na reataichean freagairt a thoirt chun na h-ìre as àirde.

Luchd-freagairt air na dh’iarr sinn fiosrachadh air ais:

  • SGBan agus luchd-obrach chom-pàirtichean nàiseanta a’ gabhail a-steach CEOan, Cathraichean, Ceannardan Leasachaidh agus Ceannardan Coileanaidh.
  • Manaidsearan is co-òrdanaichean Sgoiltean Gnìomhach
  • Manaidsearan is oifigearan leasachaidh spòrs
  • Manaidsearan is oifigearan co-ionad spòrs coimhearsnachd
  • Luchd-obrach Urras Chur-seachadan
  • Solaraichean ghoireasan spòrs
  • Luchd-obrach buidheann treas roinne
  • Luchd-obrach foghlm àrd-ìre is adhartach
  • Luchd-obrach agus saor-thoilich roinnean spòrs eile

Tha cothroman trèanaidh COVID-19 aig spòrsalba a’ gabhail a-steach:

  • Modal e-ionnsachaidh Coròna-bhìoras (COVID-19) do chluicheadairean, luchd-com-pàirt agus pàrantan/luchd-cùraim chloinne is dhaoine òga.
  • Trèanadh COVID-19 do oifigearan chlubaichean is bhuidhnean coimhrearsnachd

Fhuair sinn fiosrachadh air ais mun trèanadh bho 6,914 neach a-mach às na 7,189 a ghabh cothrom air an trèanadh. Chan eil am figear soilleir a thaobh dhaoine a’ com-pàirteachadh ann an cothroman trèanaidh. Tha seo a’ ciallachadh gum bi iomadh cunntadh air daoine a’ gabhail pàirt ann am barrachd na aon chothrom trèanaidh.

 

Air ais chun mhullach

 

 

Geàrr-iomradh ionmhasail

Tùsan maoineachaidh

              Tùsan maoineachaidh

Tuairisgeul  Sùim £m

Maoineachadh Riaghaltas na h-Alba

 35.470

Tarraing-sìos a’ Chrannchuir Nàiseanta

 26.293

Teachd a-steach eile

 0.964

Iomlan

 62.727

Mìneachadh caiteachais

             Mìneachadh caiteachais

Tuairisgeul  Sùim £m

Sgoiltean agus Foghlam

 18.330

Clubaichean agus Coimhearsnachdan

 26.914

CoileanadhCoileanadh

 15.887

Iomlan

 61.131

Tha an diofar eadar teachd-a-steach agus caiteachas co-cheangailte ri diofar tìmeachaidh aig deireadh na bliadhna, le cuid de phròiseactan air an gealltainn fhathast gun tòiseachadh.

Tuilleadh fiosrachaidh mu na sùimean (£) air an tasgadh ann an spòrsan fa leth, com-pàirtichean nàiseanta agus ùghdarrasan ionadail.

 

 

Air ais chun mhullach

Meadhanan sòisealta

Thig a chòmhradh mu dheidinn #PlayingOurPart22 air Twitter bho 7 Sultain.

Tasglann

Thoir sùil air gach ath-sgrùdadh bliadhnail aig spòrsalba bho 1999-2000 chun an latha an-diugh.

 

Air ais chun mhullach

Date published: 29 March 2023
Date updated: 7 June 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk