A thaobh luchd-obrach Sgoiltean Gnìomhach ann an Obar Dheathain, chan eil obair dìreach mu dheidhinn a bhith a’ cuideachadh dhaoine òga gu fàs gnìomhach, tha e mu dheidhinn a bhith a’ cuideachadh dhaoine òga gu am beatha atharrachadh.
Tro ghalair-sgaoilte a’ Choròna-bhìorais (COVID-19), tha sgiobaidhean Sgoiltean Gnìomhach air feadh na dùthcha air a bhith a’ dèiligeadh ri dùbhlain agus air am modh-obrach atharrachadh gu leantainneach gus taic a chumail ri coimhearsnachdan air feadh Alba.
On uair sin, thathar air gabhail ri modh-obrach nas cuimsichte agus nas in-ghabhalaiche le 13 cuidichean ùra Sgoiltean Gnìomhach air am fastadh gus taic a chumail ri sgoilearan sònraichte leis a’ churraicealam. Tha seo air leantainn gu cuid de thoraidhean glè shoilleir.
Tha cuidiche Sgoiltean Gnìomhach anns gach bun-sgoil agus àrd-sgoil san sgìre airson aon latha san t-seachdain, airson obair buidhne no obair aghaidh-ri-aghaidh le daoine òga a tha na sgoiltean air a chomharrachadh mar sgoilearan a dh’fhaodadh buannachd fhaighinn bho thaic a bharrachd.
Thuirt Kim McRobbie, Manaidsear In-ghabhail Sgoiltean Gnìomhach ann an Obar Dheathain: “Tha e mu dheidhinn a bhith a’ toirt taic do chlann nach urrainn fuireach nan clasaichean no aig a bheil feum air ùine air falbh bhon chlasrum.
“Tha e a’ toirt ùine do ar sgioba a bhith còmhla ris a’ chloinn òig sin agus ag obrachadh leotha, a’ togail dhàimhean agus an dòchas am faighinn an sàs nas fheàrr sa phrògram.”
Tha daoine òga tarsainn sgìre Obar Dheathain a’ faotainn buannachd bho obair na sgioba. Tha daoine òga a bh’ ann an cùram, daoine òga so-leònte agus sgoilearan le dùbhlain eile as dòcha a tha ga fhaighinn doirbh a bhith an sàs san sgoil, a’ faicinn nam buannachdan ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra. Tha a’ bhuaidh air a bhith àibheiseach.
Mhìnich Kim: “Tha na 13 cuidichean air a bhith nan dreuchd dìreach bhon Chàisg, tha e a’ dol gu fìor mhath ach tha obair chuimsichte le clann ann an cùram a rinn sinn roimhe seo air toraidhean matha a thoirt gu buil. Tha sinn air làthaireachd nas fheàrr fhaicinn san sgoil, tha sinn a’ faicinn clann a’ tighinn don sgoil gu sònraichte air an latha sin on is e an latha a tha an cuidiche co-òrdanachaidh an sin. Tha sinn air às-dhùnaidhean sgoile fhaicinn a’ dol sìos am measg ar daoine òga ann an cùram.”