Bòrdadh-pleadhaig le luchd-cùraim òg

Tha luchd-cùraim òg ann an Dùn Èideann air eòlas a chur air buannachdan bunaiteach spòrs, le taing do Mhòr-Ionad Spòrs Coimhearsnachd Meggetland (CSH) agus Club Caidheagaidh Sgoiltean Dhùn Èideann.

Is i Cynthia Berry Cathraiche CSH Meggetland, Ceann-suidhe Club Caidheagaidh Sgoiltean Dhùn Èideann agus tha i cuideachd a’ teagasg ann an Àrd-Sgoil Naoimh Thòmais Aquin agus Bun-sgoil Sciennes anns a’ bhaile. Thuig Cynthia rudeigin aon latha san sgoil an dèidh dhi ceist àbhaisteach a chur air sgoilear. 

Mhìnich i: “Aon fheasgar san sgoil thuirt mi ri aon de na sgoilearan agam ‘dè a th’ agad airson do lòn?’ agus thuirt iad, ‘Chan eil biadh lòin sam bith agam, feumaidh mi a dhol dhachaigh a choimhead às dèidh mo mhàthar.’

“Thuig mi an uair sin gu bheil mòran daoine òga a’ call chothroman a chionn ’s gum feum iad coimhead às dèidh ball den teaghlach. Smaoinich mi gum bu chòir dhuinn rudeigin a dhèanamh airson nan daoine òga sin.”

Thòisich Cynthia agus an t-ionad ag obair còmhla ri Luchd-cùraim Òg Dhùn Èideann, a bhios a’ toirt faochadh agus taic do dhaoine òga aois 5-25. Chaidh dàimh a stèidheachadh agus bha EYC comasach air daoine òga eile a chomharrachadh a gheibheadh buannachd bho na seiseanan.  

Tha uallach cùraim shònraichte air gach aon de na daoine òga sin san dachaigh. Dh’fhaodadh seo a bhith an lùib coimhead às dèidh pàrant no neach-cùraim; ’s dòcha fo bhuaidh piuthar no bràthair air a bheil tinneas fad-amail no ciorram no fo bhuaidh mì-fheum phàrantan air stuthan.

Thuirt Cynthia: “Bha mi a’ smaoineachadh gum faigheadh sinn 10nar luchd-cùraim òg a-steach an seo ach thàinig 100 neach.

“Bhiodh cuid a’ tionndadh an-àird agus trom-eagal orra agus cuid eile a tha a’ fulang le cùisean iomagain is misneachd. Bha an cothrom air coinneachadh ri luchd-cùraim òg eile san aon suidheachadh riutha fhèin, fìor chudromach dhaibh.

“Glè thric, thòisicheadh iad an latha le cànan bodhaig a bha fìor neo-fhosgailte agus a bhith anabarrach sàmhach. Aig deireadh an latha, bha iad a’ leum dheth bùird-pleadhaig, a’ gàireachdaich agus a’ gabhail pàirt.”

 

Date published: 29 March 2023
Date updated: 7 June 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk