Fios-air-ais mun taic againn
Dh’aontaich com-pàirtichean gun do chuidich taic spòrsalba ann an 2021-22 iad gu dèiligeadh ris na dùbhlain an lùib ath-shlànachadh bho ghalair-sgaoilte a’ Choròna-bhìorais (COVID-19) sna dòighean a leanas:
- 82% a’ faireachdainn deiseil airson tilleadh gu spòrs.
- 80% a’ faireachdainn misneachail mu fhosgladh/ath-thòiseachadh air goireasan no gnìomhachd.
- 79% a’ faireachdainn comasach air taic a thoirt do chlubaichean, sgoiltean, lùth-chleasaichean no buidhnean eile.
- 77% a’ faireachdainn gun do chuidich taic le planaichean ath-shlànachaidh a leasachadh.
- 74% a’ faireachdainn nas comasaiche air dèiligeadh ri cùisean/dùbhlain.