Tha an club coiseachd-monaidh, Brògan is Feusagan, ann an Glaschu, a’ toirt cothrom do na mìltean de dhaoine bho dhiofar dualchais chinnidheach, buannachdan a’ bhlàir a-muigh fhaicinn airson a’ chiad uair.
Chaidh Brògan is Feusagan a stèidheachadh ann an 2016 do dhaoine den aon bheachd bho choimhearsnachdan air feadh Ghlaschu. Thòisich am buidheann sa chiad àite do dh’fhireannaich a thighinn còmhla, na cnuic a rùrach agus feabhas a thoirt air an slàinte chorporra is inntinn.
Tha fàs leantainneach air ceadachadh don bhuidheann leudachadh a-mach agus cothrom a thoirt do bharrachd dhaoine air a’ bhlàr a-muigh. Bidh iad a’ cur air adhart ghnìomhachdan do bhoireannaich, do chlann agus do theaghlaichean le campa ghnìomhan agus seiseanan badmantan gach seachdain. Cheadaich togail-airgid do Bhrògan is Feusagan am meanbh-bhus fhèin a cheannach gus còmhdhail a thabhann do chom-pàirtichean airson cuairtean cunbhalach air feadh Alba air cnuic aig Loch Laomainn, Calasraid agus Peairt am measg fheadhainn eile. Gu do-chreidsinneach, tha faisg air 3,500 neach air pàirt a ghabhail ann an gnìomhachdan a’ bhuidhinn on a thòisich e.
Fhuair Brògan is Feusagan cuideachadh an-uiridh le buileachadh de £24,000 bho Inbheisteadh Club Dìreach spòrsalba, maoin leasachaidh club a tha maoinichte leis a’ Chrannchur Nàiseanta. Cheadaich seo trusadh air co-òrdanaiche pròiseict pàirt-ùine gus cuideachadh leis na cnuic a dhèanamh nas ruigsinniche agus nas in-ghabhalaiche, gu h-àraid am measg bhuidhnean neo-ghnìomhach agus neo-riochdaichte.
Tha an co-stèidhiche Nav Bakhsh ag ràdh gun lean an obair air gnìomhachdan a’ bhuidhinn oirre a’ leudachadh, ’s e ag ràdh: “Tha sinn a’ fàs gu nàdarra agus an dòchas barrachd luchd-obrach a thrusadh. On a thòisich sinn, tha faisg air 3,500 com-pàirtiche air a bhith againn, nì a tha iongantach smaoineachadh air.
“Tha e a’ toirt beagan a bharrachd tèarainteachd do dhaoine a thaobh fios a bhith aca gu bheil mòran daoine eadar-dhealaichte bho chùl-raointean coltach ri chèile a’ dol a-mach mar aon bhuidheann. Tha taobh mòr sòisealta na lùib.”