Còmhla ri ar com-pàirtichean SAMH (Comann Slàinte Inntinn na h-Alba), tha sinn air iomairt ùr a thòiseachadh gus buannachdan gnìomhachd chorporra a cho-roinn agus ur cuideachadh gu am Faireachdainn Pearsanta as Fheàrr.
Tha gnìomhachd chorporra mar bhunait do shlàinte inntinn mhath agus faodaidh atharrachaidhean beaga – leithid cuairt coiseachd gach latha còmhla ri caraid – cruth-atharrachadh a dhèanamh. Ach le glasaidhean-sluaigh, cuibhreachaidhean agus draghan, tha e air a bhith nas doirbhe na an àbhaist ùine a chur mu seach airson ar sunnd fhìn. Mar a bhios bacaidhean a’ lasachadh, bidh spòrsalba agus SAMH ag obair còmhla gus sin atharrachadh. Tha sinn airson ’s gum bi sibh #FeelYourPersonalBest – tha gach neach airidh air buannachdan gnìomhachd chorporra fhaireachdainn.
Chan fheum gnìomhachd chorporra a bhith dian airson a bhith èifeachdach. Chan eil an iomairt seo mu dheidhinn cunntadh cheumannan, mhìltean no na h-amannan as luaithe, tha e mu dheidhinn do shlighe fhèin a lorg gu bhith a’ ghluasad gus am bi thu #FeelYourPersonalBest. Tha fios againn gum faod toiseach tòiseachaidh a bhith duilich ach aon uair ’s gun tòisich thu, cha tèid stad ort!
Faigh a-mach dè tha a’ toirt an fhaireachdainn phearsanta as fheàrr do dhaoine eile
Ma tha feum agad air tionndadh Gàidhlig de na sgrùdaidhean cùise, cuir fios thugainn.
A bheil eacarsaich no gabhail pàirt ann an spòrs gad chuideachadh gu #FeelYourPersonalBest?
- Dèan ath-thuiteadh / roinn air puist shòisealta #FeelYourPersonalBest bho spòrsalba agus SAMH.
- Roinn do phuist shòisealta fhèin a’ cleachdadh #FeelYourPersonalBest– so-mhaoin agus teacsa molta rim faotainn san acainn com-pàirteachaidh.
- Innis dhuinn dè tha gad chuideachadh gu#FeelYourPersonalBest – eadar gur e dol a-mach cuairt no a bhith air an raon-cluiche còmhla ris an sgioba agad, tha sinn airson nan diofar dhòighean air tlachd fhaotainn à gnìomhachd chorporra, a shealltainn dhut. Dh’fhaodadh tu seo a roinn air na meadhanan sòisealta agad fhèin, no fios a chur thugainn nam bu mhath leat do sgeulachd innse air bhidio no sgrùdadh cùise.
#TrySomethingNew / FeuchRudeiginÙr
Mar phàirt den iomairt #FeelYourPersonalBest, tha SAMH (Comann Slàinte Inntinn na h-Alba) agus spòrsalba a’ brosnachadh gach neach gu bhith gnìomhach agus #TrySomethingNew mar thaic do shunnd inntinn.
Mar a bhios sinn a’ cruthachadh gnàth-chùrsaichean ùra às dèidh saor-làithean an t-samhraidh, ’s e àm fìor mhath a th’ ann airson ballrachd a ghabhail ann am buidheann ionadail, cur-seachad ùr a thòiseachadh no rudeigin fheuchainn nach do dh’fheuch thu roimhe! Ma tha thu air gnìomhachd ùr a thòiseachadh tron ghlasadh-sluaigh, carson nach gabh thu an ath cheum agus ceangal a dhèanamh le buidheann no club ionadail?
Faodaidh feuchainn air spòrs no gnìomhachd ùr a bhith eagalach, ach is urrainn do bhith gnìomhach a bhith na fhìor bhuannachd a thaobh do shunnd inntinn. Le bhith a’ lorg gnìomhachd a chòrdas riut, faodaidh a bhith gnìomhach uallach a lùghdachadh, faireachdainnean de cheangal a mheudachadh, misneachd a thogail agus faireachdainn math de choileanadh a thoirt dhut.
Tha mòran dòighean ann air a bhith gnìomhach, mar sin gabh an cothrom air #TrySomethingNew agus lorg dè a dh’obraicheas dhut. Mura h-eil thu cinnteach càite an tòisich thu no ma tha thu a’ faireachdainn eagalach mu ghnìomhachd ùr fheuchainn, feuch a-mach na molaidhean taic againn.
Cuir taic ris an iomairt: Faigh a-mach ciamar as urrainn don chlub, buidheann no eagrachas agad a dhol an sàs , a’ cleachdadh ar n-acainn com-pàirteachaidh.
Ma tha tionndadh Gàidhlig de na goireasan san acainn a dhìth ort, cuir fios thugainn.