Spòrs Fad Beatha 2024

English Gàidhlig

 

 

Ro-ràdh a’ Mhinisteir

Maree Todd, Ministear airson Cùram Sòisealta

Aon uair eile am-bliadhna ann an sgoiltean, clubaichean agus coimhearsnachdan, chunnaic mi le mo shùilean fhìn an diofar a tha spòrs a’ dèanamh gach latha air beatha dhaoine. Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do na buidhnean, luchd-obrach agus saor-thoilich uile a tha còmhla air cur cho mòr ri buaidh dheimhinneach a thoirt air a’ chomann shòisealta tro spòrs.

Ann an 2023, sgrìobh mi gu spòrsalba le ùr-fhiosrachadh mu stiùireadh ro-innleachdail Riaghaltas na h-Alba airson a’ chòrr den teirm pàrlamaideach seo. Thug mi dùbhlan do spòrsalba leantainn orra a’ cur ri Builean Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba, agus prìomhachas a thoirt do dhèiligeadh ri neo-ionannachdan aig gach cothruim.

Tha an aithisg seo a’ taisbeanadh tabhartas spòrsalba a thaobh gnìomhachd chorporra agus slàinte aig ìre àireamh-sluaigh tro Sgoltean Gnìomhach agus Buidhnean Riaghlaidh Spòrs na h-Alba. Tha ruighinn 1.1millean neach le cothroman àrd-chàileachdail a bhith gnìomhach na choileanadh cudromach agus smaoineachail. Tha mi gu h-àraid toilichte cuideachd a bhith a’ faicinn an adhartais a’ leantainn air ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail. Tha ruighinn luchd-èisteachd ùr tro fhoillseachadh air a’ phrògram Campas Gnìomhach, an obair le Sporting Equals a’ dèiligeadh ri gràin-cinnidh ann an spòrs, agus pròiseact Slàinte Lùth-chleasaichean Boireann, dìreach mar thrì eisimpleirean den sin.

Tha obair spòrsalba cuideachd a’ toirt fìor bhuaidh anns na coimhearsnachdan ionadail. Air tadhal o chionn ghoirid gu Ionad Spòrs Coimhearsnachd Lìte, bha e comasach dhomh fhaicinn mar a tha spòrs a’ toirt buidhnean ionadail còmhla gus fuasglaidhean agus cothroman a sholarachadh, a tha a’ coileanadh feumalachdan nan coimhearsnachdan ionadail. Seo cumhachd spòrs.

Mu dheireadh, bu mhath leam taing a thoirt do Mel Young airson a dhealais mar Chathraiche spòrsalba thar nan ochd bliadhna mu dheireadh. Tha e air ceannardas iongantach a thoirt seachad agus tha e air còrdadh rium a bhith ag obair leis. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair ann an com-pàirteachas leis a’ Chathraiche ùr, Maureen Chaimbeul, a bhios a’ leantainn oirre a’ neartachadh an t-siostaim spòrs do na h-uile ann an Alba.

Maree Todd, Ministear airson Cùram Sòisealta, Sunnd Inntinn agus Spòrs.

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Tar-shealladh

Is e spòrsalba am buidheann nàiseanta airson spòrs. Is e ar lèirsinn Alba ghnìomhach far a bheil gach neach a’ faotainn buannachd bho spòrs.

Tha sinn a’ tasgadh goireasan Riaghaltas na h-Alba agus a’ Chrannchuir Nàiseanta gus sluagh Alba a chuideachadh gu a’ bhuaidh as fheàrr fhaighinn às an t-siostam spòrs.

Siostam spòrs do na h-uile

Siostam spòrs do na h-uile

Is e Spòrs Fad Beatha 2024 an ath-sgrùdadh bliadhnail againn. Tha e a’ còmhdach na còigeimh bliadhna de ar ro-innleachd chorporra, Sport for Life

Sa Ghiblean 2023, dh’aontaich sinn ar plana gnkothachais airson 2023 agus às a dhèidh. Tha seo a’ toirt iomradh air mar a lìbhrigeas sinn ar dealais a thaobh Spòrs Fad Beatha, agus a’ cur taic aig an aon àm ris an t-siostam spòrs gu bhith a’ freagairt do na dùbhlain eaconamach làithreach agus in-ghabhail is ath-shlànachadh a stiùireadh.

Tha an ath-sgrùdadh bliadhnail seo ag amas air ar n-adhartas a thaisbeanadh eadar 1 Giblean 2023 agus 31 Màrt 2024 tro:

  • Prìomh chomharran coileanaidh a tha a’ taisbeanadh ghluasadan com-pàirteachaidh tarsainn gach aon de na trì àrainneachdan san t-siostam spòrs, a’ cuimseachadh air sgèile agus iomadachd nan com-pàirtichean.
  • Grafaigean fiosrachaidh a’ taisbeanadh ar taic don roinn spòrs, co-thaobhaichte ri Builean Alba Ghnìomhach.
  • Sgeulachdan pearsanta a’ togail air buaidh co-obrachaidh còmhla ri com-pàirtichean tarsainn an t-siostaim.

#SportForLife24

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

 

Ath-sgrùdadh an Àrd-Oifigeir

Forbes Dunlop

Tha ath-sgrùdadh na bliadhna seo a’ nochdadh na buaidh a tha air a bhith aig spòrs air daoine, àiteachan, agus coimhearsnachdan air feadh na dùthcha.

Eadar a’ Ghiblean 2023 agus am Màrt 2024, tha siostam spòrs na h-Alba air neart agus fulangas a thaisbeanadh, agus ged a tha sinn a’ gabhail ris gu bheil dùbhlain mhòra mu choinneamh na roinne, tha mi dha-rìribh air mo bhrosnachadh leis a’ cho-obrachadh, taic, agus dealas leantainneach chom-pàirtichean ionadail agus nàiseanta.

Tha pàirt aig gach neach ri choileanadh nar ro-innleachd dàna, Spòrs Fad Beatha, agus bu mhath leam gabhail ris agus taing a thoirt dhaibhsan a tha a’ leantainn air adhart a’ cruthachadh chothroman do dhaoine gu com-pàirteachadh, adhartas agus coileanadh ann an spòrs.

Còmhla, leanaidh sinn air adhart a’ cruthachadh buaidh gus ginealaichean ri teachd a bhrosnachadh, le ar sgioba-obrach dhealasach agus saor-thoilich aig cridhe gach cothruim. Tha mòran chomasachdan brosnachail romhainn a tha mi cinnteach a thèid air adhart a’ cumadh an ama ri teachd do spòrs ann an Alba ann an dòigh dheimhinneach.

B’ e tachartas iongantach a bh’ ann am Farpaisean Cruinneil Rothaireachd UCI 2023 a thaisbean a’ bhuaidh air daoine a’ cur eòlas air gach nì a tha aig spòrs ri thabhann. Bho thachartas com-pàirteachaidh iomlan Gran Fondo gu na cuspairean urramach, bha Alba mar àite foirfe airson lùth-chleasaichean urramach, saor-thoilich agus clubaichean bho air feadh an t-saoghail a thoirt còmhla. B’ e cùis-thogail phearsanta a bh’ ann a bhith a’ faicinn UCI ag amalachadh para-thachartasan don phrògram agus a’ cur eòlas air rèis nam boireannach a’ dùnadh 10 latha de spòrs iongantach. Tha an tachartas air dìleab a chruthachadh tron Mhaoin Ghoireasan Rothaireachd a tha air cothroman a thoirt am follais agus air bun-structar a chruthachadh do rothairean air feadh na dùthcha.

Fhad ’s a tha sinn a’ tuigsinn nam buannachdan soilleir corporra, inntinneil, agus slàinte shòisealta aig spòrs agus gnìomhachd chorporra, feumaidh sinn cuideachd cuideam a chur air an luach dheimhinneach a tha aige do dhaoine agus do an coimhearsnachdan ionadail. Faodaidh spòrs aig gach ìre faireachdainn de bhuntanas a chruthachadh, coimhearsnachdan a neartachadh, sgilean a leasachadh, agus co-obrachadh a mhisneachadh. Tha cumhachd aig spòrs air beatha dhaoine atharrachadh.

Forbes Dunlop, Àrd-Oifigear, spòrsalba 

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

 

Coileanadh ar pàirt

Thar na bliadhna a dh’fhalbh, is e ar prìomhachas na builean ann an Spòrs Fad Beatha a lìbhrigeadh, agus leantainn air adhart a’ cur taic ris an t-siostam spòrs gu freagairt do na dùbhlain eaconamach làithreach agus in-ghabhail agus ath-shlànachadh a stiùireadh. 
  
Dh’fhoillsich sinn prògram ùr Campas Gnìomhach, ann an com-pàirteachas le Colaistean Alba agus Spòrs Oileanaich na h-Alba. Tha am prògram ag amas air cothrom air spòrs agus gnìomhachd chorporra a leasachadh gus dèanamh cinnteach à àireamh-oileanaich nas gnìomhaiche agus innleachd shoilleir a leasachadh a thaobh greisean gnìomhachais àrd-chàileachd do dh’oileanaich spòrs. Tha sinn a’ neartachadh an lìonra de luchd-obrach spòrs is gnìomhachd chorporra làithreach, a tha ag obair taobh a-staigh roinn nan colaistean. Chrìochnaich sinn aontaidhean com-pàirteachais le 16 colaistean agus dh’fhastaidh sinn 16 Co-òrdanaichean Campas Gnìomhach gus tòiseachadh a’ lìbhrigeadh. 

Tha sinn a’ leantainn air adhart a’ cur taic ri raon de leasachadh ceannardais taobh a-staigh na roinne spòrs. Tro phrògram Stiùirichean Spòrs na h-Alba (SSL), chuir sinn taic ri 16 neach gus am prìomh ghiùlainean ceannardais a leasachadh agus a neartachadh le cuimse làidir air in-ghabhail. Lìbhrig sinn tachartasan ionnsachaidh Àrd-Oifigear Gnìomha SGB, le còmhraidhean cuimsichte air fuasglaidhean do dhùbhlain làithreach a tha mu choinneamh na roinne agus cùisean a thaobh in-ghabhail. Bha seo le taic bho choidseadh aon-ri-aon leantainneach agus còmhraidhean meantoraidh. Chuir sinn taic ri sianar cho-obraichean agus chom-pàirtichean gu Acadamaidh Ceannardais Spòrs Bhoireannach (WSLA) a fhrithealadh, a tha air a dhealbhadh gu barrachd chomasachdan ceannardais a leasachadh agus taic a thoirt do bhoireannaich gu bhith san ath ghinealach de cheannardan ann an spòrs. 

Tha sinn a’ leantainn air adhart a’ toirt taic don roinn gus dèanamh cinnteach gu bheil in-ghabhail aig cridhe gach nì a tha sinn a’ dèanamh. Chuir sinn ri aonta com-pàirteachais ceithir bliadhna le Gnìomh Alba do Shlàinte Inntinn (SAMH). Tha sinn a’ togail air an dàimh ro-innleachdail againn, a’ cuimseachadh air a’ mhapa slighe gu slàinte inntinn a lìbhrigeadh do SGBan agus ùghdarrasan ionadail. Tha seo ag amas air luchd-obrach proifeiseanta san roinn a chuideachadh, gus slàinte inntinn agus sunnd a rannsachadh agus a thuigsinn ann an co-theacsa spòrs agus gnìomhachd chorporra.

Leasaich sinn com-pàirteachasan ùra gus ar cuideachadh le daoine agus coimhearsnachdan nas eadar-mheasgte a thoirt am pàirt ann an spòrs agus  gnìomhachd chorporra. Lìbhrig sinn a’ chiad phrògram Leaderboard na h-Alba tro ar com-pàirteachas leis a’ charthannas leth-breith cinnidheach, Sporting Equals. Tha an iomairt ag amas air daoine fa leth bho dhualchasan cinnidheach eadar-mheasgte a chumhachdachadh leis an fhiosrachadh, eòlas agus ceanglaichean gu cothrom air dreuchdan aig ìre bùird ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra. Còmhla ris na ceithir chomhairlean spòrs, lìbhrig sinn Dèiligeadh ri Gràin-cinnidh ann an Spòrs: co-labhairt Time for Action ann an Leicester. Thug seo dhuinn cothrom air togail air an obair leantainneach san raon seo agus èisteachd ri càch mu dheidhinn nithean eile a ghabhas a dhèanamh gus fìor atharrachadh a stiùireadh. Tha an obair seo mar phrìomh phàirt de ar dealas leantainneach ann an dèiligeadh ri gràin-cinnidh agus neo-ionannachd cinnidheach ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra. 

Chuir sinn taic ri lùth-chleasaichean Albannach nan ullachadh do na Geamannan Oilimpeach Samhraidh agus Geamannan Parailimpeach 2024 ann am Paris. Chaidh 34 lùth-chleasaichean Albannach a thaghadh airson Sgioba GB agus 20 lùth-chleasaiche Albannach do Parailimpeach GB. Chaidh 14 luchd-obrach bho spòrsalba a thaghadh cuideachd do na Geamannan Oilimpeach, na Geamannan Parailimpeach agus na Campaichean Ullachaidh co-cheangailte, tarsainn raon de dhreuchdan ann an saidheans, dotaireachd agus taic. Sholaraich sinne Duaisean Pearsanta do Lùth-chleasaichean spòrsalba (SAPA) gus lùth-chleasaichean a chuideachadh a’ còmhdach trèanadh, farpais agus cosgaisean bith-beò.  Tha taic ionmhasail air a bhuileachadh air ochdnar de na lùth-chleasaichean gus cuideachadh le an ullachadh agus an sireadh air teisteanachadh mu choinneamh nan Geamannan Oilimpeach is Parailimpeach 2024 ann am Paris. 
 
Neadaich sinn an subsadaidh ath-ùraichte airson foghlam coidsidh gus taic a chur ri cosgaisean leasachaidh is teisteanais nan coidsichean. Tha sinn a’ toirt prìomhachas a thaobh maoineachadh do bhuidhnean a tha fo-riochdaichte taobh a-staigh coidseadh. Ann an 2023-24, bhuilich sinn £426,980 air 23 spòrsan, a’ cur taic ri 2,984 neach. Is iad nigheanan agus boireannaich, daoine bho sgìrean èiseil (SIMD), daoine ciorramach, daoine òga agus daoine bho choimhearsnachdan dùthchail, na ciad bhuidhnean a tha a’ faotainn taic.

Chomharraich sinn ciad Fharpaisean Cruinneil Rothaireachd UCI a chumadh ann an Glaschu agus air feadh Alba san Lùnastal 2023. Bha a’ chiad tachartas seo ag amalachadh 13 farpaisean cruinneil thar 11 làithean air feadh Alba. Lean sinn a’ stiùireadh maoin tasgaidh ro-innleachdail gus lìonra de ghoireasan rothaireachd ruigsinneach, in-ghabhalach agus brosnachail, a lìbhrigeadh air feadh na dùthcha. Ann an 2023-24, dh’aontaich sinn tasgadh de £1,343,053 do 14 pròiseactan. A thuilleadh air sin, fhuair 30 iomairt taic tron mhaoin rothaireachd coimhearsnachd a’ tasgadh £351,634 gus gnìomhachdan rothaireachd ùra a lìbhrigeadh tarsainn chlubaichean, coimhearsnachdan agus sgoiltean.  Tha an tasgadh seo ag amas air taic a chur ri dìleab de dh’atharrachadh deimhinneach agus barrachd dhaoine a mhisneachadh gu pàirt a ghabhail ann an rothaireachd, an dèidh soirbheachadh nam Farpaisean Cruinneil Rothaireachd UCI. 
  
Chomharraich sinn am fosgladh oifigeil aig Cùirt Teanais A-Staigh Oriam sa Ghearran 2024 leis a’ Mhinistear airson Cùram Sòisealta, Sunnd Inntinneil is Spòrs, Maree Todd. Fhuair am pròiseact mìorbhaileach seo maoineachadh bho chom-pàirteachas co-obrachail le Oriam, Oilthigh Heriot-Watt, an Comann Teanas Faiche, spòrsalba agus Teanas Alba tro mhaoin Cruth-atharrachadh Teanas A-staigh na h-Alba (TSIT). 

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Ar dàta

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Mun dàta

Tha an dàta seo a’ tighinn bho sgrùdadh àbhaisteach air an taobh a-staigh tarsainn ar prògraman agus ionadan nàiseanta.

Tha dàta EDI bho Sgoiltean Gnìomhach air a thional a-nis tro ar sgrùdadh air prògraman, tha an dàta san aithisg seo stèidhichte air freagairtean bho 31 den 32 ùghdarras ionadail.

Chan eil am figear airson daoine a’ gabhail chothroman trèanaidh, soilleir. Tha seo a’ ciallachadh gur dòcha gu bheil iomadh cunntadh air daoine ag inntrigeadh barrachd na aon chothrom trèanaidh.

Tha Tasgadh Ghoireasan a’ gabhail a-steach na Maoin Ghoireasan Spòrs a tha maoinichte tron Chrannchur Nàiseanta, agus a’ Mhaoin Ghoireasan Rothaireachd a tha maoinichte co-ionann tro thasgadh Riaghaltas na h-Alba agus an Crannchur Nàiseanta. Cha deach maoineachadh sam bith a bhuileachadh tro Mhaoin Cruth-atharrachaidh Teanas A-staigh am-bliadhna.

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Geàrr-iomradh ionmhasail

Tùsan maoineachaidh

             

Iomradh Sùim £m

Maoineachadh Riaghaltas na h-Alba

36.062

Tarraing-sìos a’ Chrannchuir Nàiseanta

33.200

Teachd a-steach eile

1.743

Iomlan

71.005

Briseadh sìos caiteachais

             

Tuairisgeul  Sùim £m

Sgoiltean agus Foghlam

20.346

Clubaichean agus Coimhearsnachdan

34.269

Gnìomhadh

17.734

Iomlan

72.349

 

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

Meadhanan sòisealta

Thigibh a chòmhradh mu #SportForLife24 air na meadhanan sòisealta bho 29 Lùnastal 2024.

Twitter: @sportscotland 

Facebook: @sportscotland 

Instagram: @sportscotland_ 

LinkedIn: @sportscotland 

Tasglann

Coimhead air gach ath-sgrùdadh bliadhnail bho spòrsalba bho 1999-2000 chun an latha an-diugh.  

Date published: 15 August 2024
Date updated: 29 August 2024

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk