Pearraidean Pheairt agus Lìonra Spòrs Atharrachaidh

Tha buaidh dhomhain aig club ann am Peairt air a’ choimhearsnachd agus air ìomhaigh spòrs càirdeil LGBTIQ+ a thogail.

Chuir Live Active Sport ann an com-pàirteachas le spòrsalba agus Urras Gannochy air bhonn an Lìonra Spòrs Atharrachaidh ann am baile-mòr Pheairt.  

Tha Lìonra Spòrs Atharrachaidh na phàirt de phrògram Ionadan Spòrs Coimhearsnachd nàiseanta  spòrsalba (CSH) a bhios a’ toirt chlubaichean spòrs agus buidhnean coimhearsnachd còmhla, gus an tabhartas spòrs agus gnìomhachd chorporra a leasachadh taobh a-staigh choimhearsnachdan air feadh Alba. Fhuair naoi clubaichean cuireadh gu a thighinn còmhla agus pròiseactan a leasachadh le cuimse air leasachadh slàinte inntinn. 

Thuirt Frazer Robertson (e/esan), Stèidhiche agus Ceann-suidhe Pearraidean Pheairt: “Tha Lìonra Spòrs Atharrachaidh air a bhith na dheagh chothrom oir tha faicsinneachd fìor chudromach do ar coimhearsnachd. Bidh sinn a’ cleachdadh chothroman a tha Lìonra Spòrs Atharrachaidh a’ solarachadh mar àrd-ùrlar gus togail air na nithean iongantach a bha sinn a’ dèanamh aig a’ chlub.”   

Cumail suas a’ bhratach LGBTIQ+

Is iad Pearraidean Pheairt an aon sgioba ball-ùrlair LGBTIQ+ a-mhàin san RA a tha moiteil a bhith a’ tabhann àite sàbhailte agus fàilteach don choimhearsnachd agus luchd-taic, a dh’aindeoin claonadh gnèitheach no dearbh-aithne gnèithe. 

Is e Atlas Martin (e/esan) Rùnaire a’ Chluba agus caiptean an sguad san lìog. Tha e air spòrs a chluich cha mhòr fad a bheatha, ach an dèidh a’ phandamaig agus tràth sa chruth-atharrachadh aige, bha e a’ faireachdainn nach biodh àrainneachd cluba ann sam biodh e a’ faireachdainn cofhurtail, mar sin bha e air gabhail ris gum biodh e às aonais spòrs sgioba cunbhalach. 

Thuirt Atlas: “Tha thu sàbhailte aig na Pearraidean, tha sinn gur n-iarraidh an seo agus tha sinn gur n-iarraidh a’ cluich oir gheibh sibh cothrom air spòrs a chluich cuideachd. Tha in-ghabhalachd fàilteach a’ chluba gam dhèanamh a’ faireachdainn sàbhailte. Tha gach neach sa chlub seo gam dhìon agus tha sin a’ faireachdainn fìor mhath.” 

Club agus cultar in-ghabhalach

Tha buaidh dhomhain air a bhith aig seiseanan ball-ùrlair seachdaineach a’ chluba air com-pàirtichean sa choimhearsnachd ionadail.  

Thuirt am Ball Comataidh, Rebecca May (i/ise): “Tha a bhith nam phàirt de na Pearraidean agus a’ cluich ann an sgioba ioma-ghnèitheach anabarrach cudromach dhomh oir tha mi a’ faireachdainn  aig an taigh agus is urrainn dhomh soirbheachadh sa spòrs seo. Is urrainn dhomh a bhith dìreach nam Rebecca agus sin a tha cudromach.” 

Sna bliadhnaichean a dh’fhalbh, tha na Pearraidean air an tairgse a leudachadh le cothroman corporra agus sòisealta, a’ gabhail a-steach seiseanan fallaineachd, cèilidhean coimhearsnachd, cuairtean cnuic, còmhla ri riochdachadh do SGIOBA Alba (co-òrdanaichte le Spòrs LEAP Alba) aig tachartasan ioma-spòrs LGBTIQ+ eadar-nàiseanta, leithid EuroGames. 

Thuirt Rebecca: “Tha a bhith nam phàirt de na Pearraidean gam chuideachadh gu eacarsaich gu cunbhalach a tha a’ tarraing brìgh a bharrachd dom bheatha. Tha e gam bhrosnachadh gu bhith gnìomhach agus tha na càirdeasan a lorg mi aig a’ chlub air mo chuideachadh gu fìor dhachaigh fhaighinn ann am Peairt.”

Date published: 15 August 2024
Date updated: 15 August 2024

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk