Briseadh sìos chnapan-starra gu com-pàirteachadh ann an spòrs do bhoireannaich is nigheanan Muslamach.
Tha Badmanta Alba, Ionad Ghoireasan Bhoireannach Muslamach AMINA agus Discovery Shuttles Dhùn Dè, a’ briseadh sìos chnapan-starra gu com-pàirteachadh agus àiteachan sàbhailte a chruthachadh do bhoireannaich agus nigheanan bho choimhearsnachdan a tha eadar-mheasgte gu cinnidheach a thaobh spòrs a chluich, leithid badmantan agus ball-basgaid.
Mar phàirt de mhodh-obrach cuimsichte air slàinte, sunnd agus in-ghabhail do bhoireannaich is nigheanan, tha Sìne Russell, Oifigear Leasachaidh Roinneil aig Badmantan Alba do Thaobh Tatha, Fìobha agus Meadhan Alba, air seiseanan feuchainn agus àiteachan le taic-airgid a lìbhrigeadh air cùrsaichean coidsidh Badminton Basics do AMINA, Ionad Ghoireasan Bhoireannach Muslamach agus club bhoireannach Discovery Shuttles Dhùn Dè.
Dh’inntrig 27 bhoireannaich is nigheanan ‘Cath-chleasachd Dithis Bhoireannach BME’ air aoigheachd bho bhuidheann riaghlaidh na h-Alba sa Mhàrt 2024. Ghabh an tachartas àite ann an Ionad Coimhearsnachd Menziehill ann an Dùn Dè, le cluicheadairean bho 16 gu 60+ bliadhna a dh’aois, a’ gabhail a-steach dhaoine le ciorraman corporra agus cuid le suidheachaidhean slàinte fad-amail.
Stèidheachadh àiteachan sàbhailte ann an spòrs
Thòisich Sofia Carlyle air Discovery Shuttles Dhùn Dè o chionn dà bhliadhna. Chaidh am buidheann a stèidheachadh mar thoradh air dìth àiteachan do bhoireannaich a bhith na bhacadh air boireannaich is nigheanan cothrom a ghabhail air spòrs, a’ frithealadh fheumalachdan agus na riatanasan acasan a tha air sgàth roghainn a thaobh creideamh, cultar no pearsanta, le feum air àiteachan do bhoireannaich a-mhàin.
Thuirt Sofia: “Le fèin-eòlas, agus le bhith nam neach de dhath agus Muslamach, thuig mi gun robh mòran bhoireannaich is nigheanan aig an robh cultar spòrs ann an suidheachadh ceudna, agus a’ tighinn tarsainn air na h-aon bhacaidhean. San fharsaingeachd, tha nas lugha com-pàirt ann an spòrs am measg bhoireannaich (tarsainn an àireamh-sluaigh air fad) an taca ri fireannaich, agus taobh a-staigh a’ bhuidhinn sin, tha builean slàinte mòran nas bochda am measg bhoireannaich de dhualchas Àisianach a thaobh tinneas cridhe agus tinneas an t-siùcair, agus tha e cudromach gu bheil buidhnean spòrs a’ tuigsinn seo agus na cnapan-starra an lùib inntrigeadh spòrs le mion-chinnidhean.”
Cothroman trèanaidh agus leasachaidh
Fhuair com-pàirtichean bho AMINA agus Discovery Shuttles Dhùn Dè buannachd à àiteachan air prìs reusanta air cùrsaichean coidsidh Badminton Basics – a’ chiad chùrsa air an t-slighe coidsidh, a’ cuimseachadh air leasachadh sgilean luchd-tòiseachaidh agus a’ toirt misneachd is fiosrachadh do chom-pàirtichean gus seiseanan a stiùireadh aig sgoiltean/clubaichean agus cuideachadh choidsichean le eòlas.
Thuirt Zahira Anwar, màthair làn-ùine agus gnàthaichear thràth-bhliadhnaichean a choisinn cùrsa coidsidh Badminton Basics agus a ghabh pàirt sa chath-chleasachd:
“Cha robh mi mothachail do loidhnichean cùirte sam bith ro Badminton Basics, bhiodh sinn dìreach a’ cluich thar na loidhne nigheadaireachd. Ghabh mi an cothrom, agus bha e glè bhuannachdail ann an teagasg cudromachd riaghailtean dhomh, blàthachadh agus a bhith a’ taisbeanadh do chàch. Tha mi a-nis air mo chlann fhìn a thrèanadh aig an taigh, mar a nì iad frithealadh, riaghailtean bunasach, agus modhan-obrach.”