Spòrs Fad Beatha 2026

Gaelic Web banner SFL26.png

 

 

 

Ro-ràdh a’ Mhinisteir

Maree Todd

Tha mi air leth toilichte an aithisg seo a chur an aithne dhuibh nam dhreuchd ùr mar Mhinistear Sunnd, Slàinte Phoblach, Spòrs, agus Drogaichean is Alcol.

Tha an aithisg seo a’ togail air dealas leantainneach spòrsalba a thaobh neartachadh air siostam spòrs na h-Alba agus coimhearsnachdan taic, lùth-chleasaichean, clubaichean, agus com-pàirtichean air feadh na dùthcha. Tro làn mheudachadh air tasgadh agus feum èifeachdach air dàta agus in-shealladh, tha spòrsalba a’ leantainn air adhart a’ coileanadh dreuchd dheatamach ann an lìbrigeadh bhuilean dearbhach tro spòrs.

B’ e obair spòrsalba le Comhairle Eileanan Arcaibh agus com-pàirtichean, gus a’ bhuaidh as àirde fhaotainn bho Gheamannan Eileanan Arcaibh, àrd-phuing na bliadhna. Le bhith a’ toirt còmhla còrr air 2,000 lùth-chleasaiche agus oifigeach à 24 comhearsnachdan eileanach, le taic bho chòrr air 1,000 saor-thoileach, bha na Geamannan a’ taisbeanadh na taobhan a b’ fheàrr de spiorad coimhearsnachd is aoigheachd Arcaibh. Tha taic spòrsalba air gealltanas a thoirt ann am Plana Nàiseanta nan Eilean, a’ neartachadh chlubaichean is ghoireasan ionadail agus a’ cuideachadh le dèanamh cinnteach à dìleab mhaireannach do na h-eileanan.

San t-Samhain, bha mi toilichte seisean a fhrithealadh a bha a’ taisbeanadh prògram ùr mothachaidh do chriothnachadh-eanchainn aig Sgoiltean Gnìomhach, air fhoillseachadh gus an 10mh ceann-bliadhna a chomharrachadh de Stiùireadh Criothnachaidh-eanchainn Spòrs na h-Alba. Tha an iomairt seo a’ taisbeanadh leud obair spòrsalba, a’ cur taic ri com-pàirt sàbhailte aig ìre an t-sluaigh troimhe gu spòrs àrd-ghnìomhach.

Thug Duaisean Spòrs Alba, air an ùrachadh gus Coidseadh, Frithealadh Oifigeil agus Saor-thoileachas a ghabhail a-steach, cothrom cudromach seachad airson tabhartasan air leth a chomharrachadh tarsainn spòrs Albannach. Tha mi a’ cur fàilte air na buannaichean, gu h-àraid gaisgich na coimhearsnachd a tha a’ brosnachadh com-pàirt agus a’ neartachadh choimhearsnachdan.

Bha mi air leth toilichte cuideachd gun do gheall Riaghaltas na h-Alba tasgadh de £40 millean a bharrachd ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra tro Bhuidseat 2026-27. Ri taobh seo, tha comas aig a’ phrògram £20 millean Samhradh de Spòrs a bhith cruth-atharrachail, a’ solarachadh chothroman an-asgaidh agus air cosgais ìosal, do chlann agus dhaoine òga air feadh Alba.

Fhad ’s a choimheadas sinn air adhart, tha mi mo bhrosnachadh mu na cothroman a bheir an ath-bhliadhna thugainn. Tha mi a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air a’ Cho-Fhlaitheas air ais a Ghlaschu agus leantainn air adhart ag obair le spòrsalba agus com-pàirtichean tarsainn na roinne spòrs, gus dèanamh cinnteach gun urrainn do bharrachd dhaoine, ann am barrachd àiteachan, eòlas a chur air buannachdan sònraichte spòrs agus gnìomhachd chorporra.

Thuirt Maree Todd, Ministear Sunnd, Slàinte Phoblach, Spòrs, Drogaichean is Alcol.

 

 

 

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Tar-shealladh

Is e Alba Ghnìomhach ar lèirsinn far a bheil gach neach a’ faotainn buannachd bho spòrs.

Tha sinn airson gum bi beatha làn aig sluagh Alba – agus gum bi pàirt aig spòrs ann an dèanamh sin tachairt. Tha ar n-adhbharan fhìn againn airson pàirt a ghabhail ann an spòrs, eadar gur ann airson fealla-dhà, sòisealachadh, leasachadh ar sunnd no buannachadh bhuinn. Tha cumhachd aig spòrs air beatha atharrachadh, mar sin ge`r bith dè a bheir thuige sinn, tha an-còmhnaidh barrachd as urràinn dhuinn fhaighinn às.

Chaidh ar ro-innleachd Spòrs Fad Beatha ùrachadh ann an in 2025 tgus co-thaobhadh le Gnìomhachd Chorporra do Fhrèam-obrach Slàinte (PAHF).

Tha sinn a’ creidsinn ann an siostam spòrs aig ìre chruinneil, a tha a’ toirt an fheum as fheàrr à maoinean na h-Alba agus a’ freagarrachadh do atharrachadh. Tha e a’ cuideachadh sluagh Alba le pàirt a ghabhail ann an spòrs aig an ìre a ròghnaicheas iad.

Siostam spòrs do gach neach

SFL_Inforgraphic_Final_Gaelic.png

Geàrr-iomradh Coileanaidh

Tha an aithisg seo a’ còmhdach na seachdamh bliadhna de ar ro-innleachd chorporra, Spòrs Fad Beatha. Sa Ghiblean 2025, dh’aontaich sinn ri ar plana gnothachais do 2025/26, a thug iomradh air mar a dh’obraich sinn a dh’ionnsaigh lìbhrigeadh air Spòrs Fad Beatha.

Tha sinn ag aithris air ar coileanadh bliadhnail tro:

  • Geàrr-iomradh air coileanadh tron bhliadhna

  • Ar n-adhartas a dh’ionnsaigh prìomh atharrachaidhean agus dòchasan

  • Sgeulachdan pearsanta a’ togail air buaidh ar gnìomhan co-obrachail le com-pàirtichean tarsainn an t-siostaim.

#SportForLife26

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

 

Ath-sgrùdadh an Àrd-Oifigeir

Forbes DunlopLean spòrs na h-Alba a’ lìbhrigeadh am-bliadhna, a’ taisbeanadh buaidh chumhachdach ar coidsichean, saor-thoilich, lùth-chleasaichean agus clubaichean.

Gus dèanamh cinnteach gun lean sinn air adhart a’ meudachadh tasgadh ann an spòrs gu làn-ìre, chuir sinn reusantachadh oighreachd an gnìomh, còmhla ri ath-sgrùdadh sgioba-obrach ro-innleachdail agus prògram sgaraidh saor-thoileach tro 2025, a’ cruthachadh modail obrachaidh nas taine agus nas seasmhaiche.

Bha seo a’ dèanamh suas pàirt de ar tabhartas farsaing a thaobh ath-leasachadh na roinne poblaich. Ri taobh atharrachaidhean sgioba-obrach, tha sinn air leantainn air adhart a’ sìmpleachadh phròiseasan, a’ neartachadh cleachdadh air inneal didseatach is dàta, agus a’ cuimseachadh ar goireasan far as motha a tha buaidh aca.

Is e ar modh-obrach prìomh sgioba-obrach làidir a ghlèidheadh, a’ co-obrachadh le com-pàirtichean agus ag inntrigeadh ealantas speisealaichte far a bheil e a’ lìbhrigeadh bhuilean nas fheàrr, seirbheisean leasaichte, agus an luach airgid as fheàrr don phoball. Ann an dèanamh sin, tha sinn a’ cuideachadh le dèanamh cinnteach gu bheil barrachd de gach nota a tha air a tasgadh, a’ cur taic ri daoine agus coimhearsnachdan air feadh Alba gus buannachd fhaotainn bho spòrs agus gnìomhachd chorporra.

Tha spòrs air a bhrosnachadh aig gach ìre, bho lùth-chleasaichean àrd-ìreil gu iadsan a’ cuideachadh le coimhearsnachdan ionadail a bhith soirbheachail. Chunnaic sinn gnìomhachd bho phrìomh thachartasan leithid Geamannan Geamhraidh Oilimpeach is Parailimpeach Milano Cortina 2026 gu ar prògram Sgoiltean Gnìomhach, a tha a’ dèanamh cinnteach gum faod gach neach òg tlachd fhaotainn à buannachdan spòrs agus gnìomhachd chorporra.

Fhritheil mi Geamannan Geamhraidh Parailimpeach Milano Cortina 2026 nas tràithe am-bliadhna, taisbeanadh brosnachail de thàlant, seasmhachd, agus obair-sgioba. Bha e misneachail ar buidhnean riaghlaidh spòrs geamhraidh a bhith a’ faicinn ùidh mheudaichte anns na spòrsan a bha an làthair.

B’ e Geamannan Eilean Arcaibh prìomh thachartas eile – seachdain de fharpais air leth ann am solas deàlrach na grèine. Shiubhail còrr air 2,000 lùth-chleasaiche agus oifigeach bho air feadh an t-saoghail gus farpais ann an 12 spòrs, a’ tarraing àireamh àrd de luchd-tadhail gu na h-eileanan.

Thar cùrsa 2025-26, thòisich obair air an leudachadh £1.6 millean air Pàirc Rothaireachd Chluaidh, a’ comharrachadh na h-ath ìre ann an leasachadh làrach Chamas Long gu bhith mar am prìomh ionad rothaireachd roinneil ann an taobh siar Alba.

Chomharraich sinn fosgladh air ionad ùr teanas ann an Dùn Phris, le taic bho suas ri £1.7 millean bho mhaoin Cruth-atharrachaidh Teanas A-staigh na h-Alba, ann an suidheachadh a tha a’ riochdachadh prìomh chlach-mhìle don spòrs gu h-ionadail agus nàiseanta. Le taing do chluicheadairean a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha timcheall air £33 millean air a thogail gach seachdain do Dheagh Adhbharan, a’ cur taic ri pròiseactan a tha a’ neartachadh choimhearsnachdan.

Chruinnich sinn ann an Glaschu san Dùbhlachd airson Duaisean Spòrs na h-Alba 2025, a’ comharrachadh choileanaidhean air leth bho spòrs coimhearsnachd gu oidhirpean àrd-ghnìomhach air an àrd-ùrlar nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Bha am-bliadhna a’ comharrachadh an 10mh ceann-bliadhna de Stiùireadh Co-chrith Spòrs na h-Alba, a’ chiad san t-saoghal ann an 2015, a bha ag aonachadh dhotairean, acadaimigich, pàrantan, buidhnean spòrs, Riaghaltas na h-Alba agus spòrsalba, gus aon seata de chomhairle a chruthachadh do spòrs aig ìre an t-sluaigh. Tha obair leantainneach air cunnart a lùghdachadh do chom-pàirtichean agus mothachadh nas àirde don chùis chudromaich seo.

Neartaichidh £40 millean a bharrachd Riaghaltas na h-Alba tràth ann an 2026 an siostam spòrs, le cuimse air clubaichean agus coimhearsnachdan gar cuideachadh le siostam ruigsinneach, in-ghabhalach, a lìbhrigeadh, a tha a’ toirt com-pàirt chun na h-ìre as àirde.

Tha mo thaing a’ dol gu ar com-pàirtichean ionadail is nàiseanta, sgioba spòrsalba agus gu h-àraid na saor-thoilich a tha a’ toirt suas an ùine do spòrs. Leis an adhartas a chaidh a choileanadh am-bliadhna, tha mi misneachail gu bheil sinn ann an àite math.

Forbes Dunlop, Àrd-Oifigear, spòrsalba 

 

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

 

Coileanadh ar pàirt

Mhìnich ar plana gnothachais do 2025/26 mar a phlanaig sinn air Spòrs Fad Beatha a lìbhrigeadh ann an 2025/26.

Cho-dhùin sinn maoineachadh a tha a’ dol don roinn a thoirt chun na h-ìre as àirde, le nas lugha air a chosg a-staigh. Ann an 2025/26, chaidh 67% de thasgadh a stiùireadh don taobh a-muigh. Sa cheathramh mu dheireadh den bhliadhna, leasaich sinn planaichean a cheadaicheas do 90% den riarachadh 2026/27 de £35 millean [1] a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba, a bhith air a thasgadh nar com-pàirtichean. 

Dh’aontaich sinn ar sealladh sgioba-obrach ro-innleachdail agus dh’ath-sgrùd sinn a’ bhun-loidhne luchd-obrach a-staigh, a’ buileachadh phròiseasan planaidh luchd-obrach co-cheangailte airson toiseach 2026/27, gus dèanamh cinnteach gu bheil spòrsalba freagarrach don adhbhar agus taic a chur ri feumalachdan an t-siostaim spòrs san àm ri teachd, a’ lìbhrigeadh ro-làimh do thargaidean Ath-leasachadh na Roinne Poblaich.

Bha prìomhachadh taic àrainneachd chlubaichean is choimhearsnachdan mar aon de ar prìomh atharrachaidhean. Thaisg sinn 44% de ar caiteachas àrainneachd san raon seo. Den tasgadh ùr a chaidh ainmeachadh don bhliadhna 2026/27, tha sinn air planaichean a dhèanamh gus 75% a riarachadh a dh’ionnsaigh clubaichean is coimhearsnachdan.

Ann an spòrs gnìomhach, choimhead sinn ri ar cuideam a leudachadh air taic do dh’adhartas a thuilleadh air coileanadh. Rinn sinn ath-structaradh air ar roinn Coileanaidh gus fàs an t-siostaim spòrs a stiùireadh, ag ath-chothromachadh goireas a dh’ionnsaigh taic do dh’adhartas is coileanadh tro mhaoin tasgaidh shlighean ùra.

Dh’obraich sinn le com-pàirtichean gus a’ bhuaidh a lùghdachadh a tha aig spòrs air atharrachadh gnàth-shìde, a’ crìochnachadh ath-sgrùdadh oighreachd a tha a’ coimhead ri ìre tasgaidh a mheasadh air a bheil feum anns an oighreachd spòrs, gus Neoini Lom a lìbhrigeadh thar nam 20 bliadhna ri teachd. Leanaidh an sgèile tasgaidh agus an suidheachadh ionmhasail dùbhlanach orra, a’ toirt buaidh air luaths thomhasan èifeachdais cumhachd is freagarrachadh, agus faodaidh na lasachaidhean an cur an gnìomh tarsainn an h-oighreachd spòrs.

Gus ar buaidh a thoirt chun na h-Ire as àirde agus feumalachdan chom-pàirtichean ionadail is nàiseanta a choileanadh nas fheàrr, tha sinn air ar luchd-obrach ath-thaobhadh agus a chleachdadh tarsainn còig raointean cruinn-eòlasach, gus ealantas a sholarachadh agus taic a thoirt a thaobh feumalachdan chom-pàirtichean.

Chrìochnaich sinn grunn phròiseactan leasachaidh a-staigh gus ar pròiseasan a ghrinneachadh agus dèanamh cinnteach à riaghladh math. Bha seo a’ gabhail a-steach ar siostam aithris a chur gu aon taobh agus leasachadh a dhèanamh air planadh gnothachais amalaichte agus modh-obrach aithris, ath-dhealbhadh pròiseas tasgaidh agus eadar-ghluasad gu seirbheisean HR agus roile-pàighidh stiùirichte. Leasaich sinn cuideachd ar portal tasgaidh do chom-pàirtichean gus taic a chur ri sruthadh fiosrachaidh nas èifeachdaiche. Sheall pìleat de chleachdadh air fiosrachadh fuadain comharran brosnachail gum faod cuibheas de dhà uair a thìde san t-seachdain de dh’ùine luchd-obrach, a sgaoileadh bho ghnìomhan a tha stiùirichte tro phròiseas.

Tarsainn ar gnìomhachd, chuir sinn romhainn co-dhùnaidhean stiùirichte le dàta a bhrosnachadh, a’ gabhail a-steach leasachadh air deas-bhòrd beò a-staigh a tha ag aithris don àrd-sgioba stiùiridh, fastadh air ealantas rannsachaidh is luachaidh neo-eisimeileach gus ar luachadh air prògram Sgoiltean Gnìomhach a stiùireadh, agus rinn sinn conaltradh ri Spòrs Shasainn agus 4 Global gus ruigsinneachd air an àrd-ùrlaran dàta a leudachadh. Rinn sinn pìleat cuideachd air lìbhrigeadh sheiseanan litearrachd dàta do dh’ùghdarrasan ionadail.

[1] Chan eil £5 millean den £40 millean iomlan a tha ga thasgadh ann an spòrs, air a riarachadh le spòrsalba

Prògraman

Tha ar prògraman a’ cur taic ri daoine gu com-pàirteachadh, adhartachadh agus coileanadh ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra le bhith a’ tasgadh ann an sgoiltean, colaistean, clubaichean, coimhearsnachdan, spòrs gnìomhaidh agus ionadan nàiseanta. Rè 2025/26, lean tasgadh poblach air ruigsinneachd agus buaidh chudromach a lìbhrigeadh air feadh Alba.

B’ e prìomh chlach-mhìle crìoch a chur air luachadh farsaing air Sgoiltean Gnìomhach, a tha air lèirsinn ath-ùraichte agus slighe air adhart don àm ri teachd fhiosrachadh don phrògram. Chlàir Sgoiltean Gnìomhach 5 millean tadhal tron bhliadhna acadaimigeach 2024/25, a’ leantainn air a’ solarachadh chothroman do chlann agus dhaoine òga air feadh Alba.

Chuidich tasgadh ann an clubaichean agus coimhearsnachdan le lìbhrigeadh ionadail a neartachadh. Thaisg Awards for All £500,000 ann an 128 clubaichean, fhad ’s a leudaich Ionadan Spòrs Coimhearsnachd agus Maoin Get Active Scotland cothroman air com-pàirteachadh, gu h-àraid am measg dhaoine nach eil cho gnìomhach agus coimhearsnachdan a’ dèiligeadh ri cnapan-starra. Dhearbh ath-sgrùdadh tarsainn roinn chlubaichean is choimhearsnachdan, còig raointean air am bu chòir cuimseachadh: dreuchdan is dleastanasan, dàta, ionnsachadh is leasachadh agus tasgadh.

Ann an spòrs gnìomhach, rinn sinn ar modail obrachaidh nas èifeachdaiche, stèidhich sinn maoin tasgaidh shlighean ùra agus lean sinn air adhart a’ cur taic ri lùth-chleasaichean, coidsichean, agus àrainneachdan gnìomhaidh. Chuir lùth-chleasaichean Alba ri soirbheachadh aig Milano-Cortina 2026,fhad ’s a lean ullachaidhean airson Glaschu 2026 air adhart.

Lìbhrig ar n-Ionadan Nàiseanta toraidhean làidir cuideachd. Chlàir Loidse a’ Ghlinne Mhòir 16,366 làithean com-pàirteachaidh agus riarachadh chustamairean de 97%, fhad ’s a thug Ionad Trèanaidh Spòrs Nàiseanta Inbhir Chluaidh aoigheachd do chòrr air 31,000 latha com-pàirteachaidh agus rinneadh adhartas cudromach a dh’ionnsaigh creideasachadh do dh’Ionad Trèanaidh Spòrs Àrd-Ìre na RA.

Com-pàirtichean

Tha obair com-pàirteachais deatamach do làn-mheudachadh air buaidh tasgaidh poblach anna n spòrs agus gnìomhachd chorporra. Tro 2025/26, lean sinn a’ tagradh airson gealltanas Riaghaltas na h-Alba gus tasgadh a dhùblachadh ann an spòrs agus beatha ghnìomhach, a’ cur fàilte air dearbhadh air tasgadh £40 millean a bharrachd ann am buidseat spòrs 2026/27.

Mar phàirt de Bhuidheann Aithneachaidh Chomhairlean Spòrs na RA, dh’aontaich sinn uile ceithir buidhnean riaghlaidh spòrs ann an Alba. Ag obair le com-pàirtichean ionadail, nàiseanta agus RA, neartaich sinn lìbhrigeadh tarsainn sgoiltean, clubaichean agus coimhearsnachdan fhad ’s a bhathar a’ cur taic ri cinn-uidhe nas fharsainge a thaobh slàinte, in-ghabhail agus poileasaidh. Chaidh barrachd na £16 millean a thasgadh ann an ùghdarrasan ionadail agus com-pàirtichean, le 13 ùghdarrasan ionadail a’ faotainn taic gus modhan-obrach ionadail a cho-thaobhadh ri Frèam-obrach Gnìomhachd Chorporra airson Slàinte. Dh’fhoillsich trì ùghdarrasan ionadail ro-innleachdan tron bhliadhna.

Dh’fhuirich tasgadh ann am Buidhnean Riaghlaidh na h-Alba mar phrìomh mheadhan airson builean a lìbhrigeadh, le còrr air £20 millean air aontachadh tarsainn 35 buidhnean riaghlaidh. Còmhla ri tasgadh, neartaich sinn pròiseasan barantais agus thug sinn taic do SGBan tron inneal fèin-dhearbhadh Moving to Inclusion.

Chuidich com-pàirteachasan nàiseanta le ruigsinneachd a leudachadh gu buidhnean a’ dèiligeadh ris na cnapan-starra as motha gu com-pàirt. Tro chom-pàirteachasan le buidhnean a’ gabhail a-steach SAMH, Scottish Sport Futures, Scottish Student Sport, Scottish ClubSport agus Enable Works, fhuaireadh taic do dhaoine òga a bha a’ fulang bochdainn, daoine ciorramach agus an sgioba-obrach nas fharsainge tro thrèanadh, meantarachd agus cothroman cosnaidh. Còmhla, tha na com-pàirteachasan sin a’ taisbeanadh mar as urrainn do thasgadh co-obrachail ruigsinneachd is in-ghabhail nas motha agus builean nas làidire a lìbhrigeadh, gu coimhearsnachdan air feadh Alba.

Daoine

Tha daoine a’ fuireach aig cridhe spòrs ann an Alba. Rè 2025/26, neartaich tasgadh ann an coidseadh, ionnsachadh, obair shaor-thoileach agus ceannardas, an sgioba-obrach a tha a’ cur taic ri com-pàirteachadh, adhartas agus coileanadh tarsainn an t-siostaim spòrs.

Bha foillseachadh air an Duais Adhartais Nàiseanta ann an Coidseadh Spòrs le Teisteanasan Alba, na choileanadh fìor chudromach. Rinn còrr air 135 sgoiltean, colaistean agus com-pàirtichean ionadail tagradh airson na duais a lìbhrigeadh, a’ cruthachadh chothroman ùra do dhaoine òga gu teisteanasan coidsidh a chosnadh agus adhartachadh gu tuilleadh ionnsachaidh, cosnadh agus obair shaor-thoileach. Còmhla ri seo, chaidh £365,000 a thasgadh tro shusbadaidhean foghlaim coidsidh tarsainn 29 spòrs, le fòcas làidir air co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail.

Lean sinn air adhart a’ neartachadh càileachd agus riaghladh coidsidh tro leasachadh air Teisteanas Coidsidh na h-Alba agus tasgadh ann an co-bhuidheann ùr de luchd-leasachaidh coidsidh, a’ meudachadh faotainneachd air taic tarsainn an t-siostaim spòrs.

Leudaich ionnsachadh didseatach agus leasachadh sgioba-obrach gu mòr. Bha àrd-ùrlar Brightspace a’ cur taic ri 58 com-pàirtichean, le aoigheachd do 966 cùrsaichean agus com-pàirt le 56,000 neach-ionbnsachaidh, a’ riochdachadh meudachadh de 25% air a’ bhliadhna roimhe sin. Thug slighean ionnsachaidh ùra agus frèaman-obrach sholaraichean leasachadh air ruigsinneachd gu cothroman ionnsachaidh àrd-chàileachd.

Lean tasgadh ann an stiùirichean teachdail cuideachd, le fàs ann am prògram Thosgairean Òga, taic do Phannal Spòrs Dhaoine Òga, agus iomairtean ceannardais is saor-thoileachais a tha a’ neartachadh seasmhachd agus iomadachd spòrs ann an Alba.

Àiteachan

Tha cruthachadh agus cumail suas air àiteachan àrd-chàileachd airson spòrs is gnìomhachd chorporra, riatanach airson taic a thoirt do chom-pàirt, sunnd agus coileanadh. Rè 2025/26, chuimsich sinn air tuigse do dh’oighreachd ghoireasan spòrs na h-Alba a leasachadh, a’ neartachadh planadh ro-innleachdail agus targaideadh tasgaidh far am faod e a’ bhuaidh as motha a lìbhrigeadh.

Bha crìoch air ath-sgrùdadh nàiseanta na h-Alba air an oighreachd ghoireasan spòrs, na phrìomh choileanadh. Air a leasachadh le ùghdarrasan ionadail, urrasan chur-seachadan, agus com-pàirtichean foghlaim treas-ìre, tha an ath-sgrùdadh a’ solarachadh bunait fianais ioma-chuimseach air sgèile, suidheachadh agus feumalachdan teachdail bun-structair spòrs na h-Alba. Tha na toraidhean a’ togail air na dùbhlain co-cheangailte ri oighreachd a’ fàs sean agus aig an aon àm a’ cuideachadh le poileasaidh, planadh agus co-dhùnaidhean tasgaidh fhiosrachadh.

Lean sinn air adhart a’ dìon chothroman do spòrs tron t-siostam planaidh, a’ freagairt 39 tagraidhean planaidh mar cho-chomhairliche reachdail gus cuideachadh le dèanamh cinnteach gum fuirich spòrs agus gnìomhachd chorporra nam pàirt de cho-dhùnaidhean leasachaidh ionadail.

Chuir tasgadh calpa targaidte taic ri goireasan leasaichte air feadh Alba, a’ gabhail a-steach £1.86 millean tron Mhaoin Ghoireasan Spòrs, £866,000 tro Mhaoin Ghoireasan Rothaireachd agus £765,000 do phròiseactan ro-innleachdail. Chuidich tasgadh roimhe sin le Geamannan Eileanan Arcaibh 2025 a lìbhrigeadh agus taic do fhosgladh air goireas teanais ùr air an taobh a-staigh ann an Dùn Phris, a’ taisbeanadh an luaich fad-amail an lùib tasgadh sa choimhearsnachd agus bun-structar gnìomhaidh.

Seirbheisean Corporra

Tha Seirbheisean Corporra a’ solarachadh nan daoine, siostaman, riaghladh agus fianais a tha a’ comasachadh do spòrsalba Plana Gnothachais a lìbhrigeadh gu h-èifeachdach agus gu buadhach. Rè 2025–26, chaidh adhartas cudromach a dhèanamh ann an neartachadh chomasachdan buidheannail, leasachadh cho-dhùnaidhean agus cur taic ri lìbhrigeadh air tasgadh meudaichte ann an spòrs.

Bha taic do thasgadh meudaichte Riaghaltas na h-Alba ann an spòrs agus beatha ghnìomhach, na phrìomh choileanadh. A’ leantainn air dearbhadh air maoineachadh a bharrachd, chaidh portal tagraidh air maoineachadh ùr a dhealbhadh agus fhoillseachadh taobh a-staigh trì seachdainean, a’ toirt comas air sgaoileadh luath is èifeachdach air tasgadh san t-siostam spòrs.

Stèidhich an Ath-sgrùdadh Sgioba-obrach Ro-innleachdail modail luchd-obrach ath-ùraichte agus dòigh-obrach planaidh sgioba-iobrach, gus dèanamh cinnteach gu bheil am buidheann uidheamaichte gus feumalachdan teachdail a choileanadh agus àrd-amasan thargaidean Ath-leasachadh na Roinne Poblach a lìbhrigeadh. Bha riaghladh agus èifeachdas air an neartachadh tro ath-sgrùdaidhean air pròiseasan riaghlaidh laghail is fiosrachaidh agus leasachaidhean air planadh gnothachais is aithris.

Leasaich tasgadh ann an cruth-atharrachadh didseatach fulangas agus in-shealladh. Bha seo a’ gabhail a-steach deas-bhùird sruth-stiùiridh, dàta àrdaichte is comasachd luachaidh, imrich sgòtha, tèarainteachd saidhbheir neartaichte, agus an deuchainn shoirbheachail air Microsoft Copilot gus cothroman a rannsachadh airson tarbhachd a leasachadh agus lìbhrigeadh èifeachdasan san dòigh a tha sinn ag obair.

Mheudaich conaltraidhean agus gnìomhachd poileasaidh faicsinneachd air spòrs agus thaisbean iad buaidh tasgaidh. Chuidich iomairtean nàiseanta, prìomh thachartasan, agus Duaisean Spòrs ath-ùraichte Alba le tuigse phoblach agus phoilitigeach a neartachadh air na tha spòrs a’ cur ri slàinte, coimhearsnachdan agus eaconamaidh na h-Alba.

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Ar dàta

Tha Frèam-obrach Tomhas Coileanaidh spòrsalba air a chleachdadh gus ar n-adhartas a thomhas a dh’ionnsaigh ar builean ro-innleachdail. Gus cunbhalachd aithris a mhisneachadh agus gluasadan tarsainn ioma-chuairtean a sgrùdadh, tha ar tomhasan ro-innleachdail stèidhichte a’ fuireach seasmhach bho bhliadhna gu bliadhna.

Tha ar prìomh chomharran coileanaidh air an geàrr-iomradh san deas-bhòrd gu h-ìosal.

A thaobh nan comharran treand aon bhliadhna tha 1% air a chur ris. Cumar seo fo ath-sgrùdadh anns na bliadhnaichean às dèidh sin nuair a bhios dàta ghluasadan nas fhad-amail ri fhaotainn.

Deas-bhòrd prìomh chomharran coileanaidh

Comharra Luach Gluasad 1 bhliadhna
Com-pàirtichean iomlan 1,126,768 Meudaichte
Com-pàirtichean Sgoiltean Gnìomhach 278,542 Gun ghluasad
% de sgoilearan a’ gabhail pàirt ann an Sgoiltean Gnìomhach 40% Gun ghluasad
Buill cluba SGB 847,537 Meudaichte
Làithean Com-pàirteachaidh Inbhir Chluaidh 31,713 Lùghdaichte
Làithean Com-pàirteachaidh Loidse a’ Ghlinne Mhòir 16,366 Lùghdaichte
Ionnsachadh is Leasachadh Loidse a’ Ghlinne Mhòir 3,737 Meudaichte
Àiteachan - Seilbheachd £2,725,255 Lùghdaichte
Àiteachan – Seilbheachd chomasaichte £11,636,975 Meudaichte
Daoine – Àireamh dhaoine a’ gabhail cothrom air ionnsachadh is leasachadh spòrsalba tarsainn phròiseactan 13,051 Meudaichte
Daoine – Àireamh de luchd-ionnsachaidh gnìomhach air an àrd-ùrlar ionnsachaidh dhidseatach 56,565 Meudaichte
Daoine – Àireamh chom-pàirtichean an sàs anns an àrd-ùrlar ionnsachaidh dhidseatach   58 Meudaichte
Lùth-chleasaichean le taic SIS 689 Meudaichte

Tha ar làn aithisgean dàta a’ solarachadh dàta ghluasadan agus bheachdan mu na comharran uile, a thuilleadh air briseadh-sìos air feartan co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhail (EDI) chom-pàirtichean, far a bheil iad rim faotainn.

Thoir sùil air an làn seat de dh’aithisgean dàta

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Mun dàta

Tha an dàta bho sgrùdadh cunbhalach a-staigh air feadh ar prògraman agus iondan nàiseanta.

Tha an dàta do Sgoiltean Gnìomhach co-cheangailte ris a’ bhliadhna acadaimigich 2024/25 ach air aithris ann an 2025/26. Tha seo mar thoradh air nuair a tha a’ bliadhna acadaimigeach agus a’ bhliadhna ionmhasail aig an aon ìre.

Tha làithean com-pàirteachaidh do dh’Inbhir Chluaidh agus Loidse a’ Ghlinne Mhòir air a thional bho bhuidhnean còmhnaidheach agus neo-chòmhnaidheach uile, ach a-mhàin clàraidhean bhon choimhearsnachd ionadail. Is e làithean com-pàirteachaidh fad an turais air iomadachadh le le àireamh de chom-pàirtichean buidhne. Tha modh-eòlais dàta airson làithean com-pàirteachaidh Loidse a’ Ghlinne Mhòir air ath-ùrachadh a-nis gus a bhith a’ maidseadh Inbhir Chluaidh. Tha dàta treand ri fhaotainn sna h-aithisgean slàn.

Chan eil am figear soilleir a thaobh daoine a’ faighinn chothroman trèanaidh. Tha seo a’ ciallachadh gum faod cunntadh dùbailte air daoine tachairt nuair a bhios iad a’ com-pàirteachadh ann am barrachd na aon chothrom trèanaidh.

Tha tasgadh ghoireasan a’ gabhail a-steach Maoin Ghoireasan Spòrs a tha maoinichte tron Chrannchur Nàiseanta agus Maoin Ghoireasan Rothaireachd, a tha maoinichte co-ionann tro Riaghaltas na h-Alba agus an Crannchur Nàiseanta.

Tha ar làn aithisgean dàta a’ solarachadh dàta ghluasadan agus beachdan air comharran uile a thuilleadh air briseadh-sìos air feartan co-ionannachd, iomadachd, agus in-ghabhail (EDI) chom-pàirtichean, far a bheil iad rim faotainn.

Geàrr-iomradh Ionmhasail

Nota: Thèid geàrr-iomradh ionmhasail 2025/26 ùrachadh nuair a tha am pròiseas sgrùdaidh air a chrìochnachadh agus cunntasan air an aontachadh san Dùbhlachd  2026.

Planaichean Teachdail

Tha ar plana gnothachais do 2026/27 a’ mìneachadh ar prìomhachasan agus àrd-amasan airson na bliadhna agus ar n-adhartas a dh’ionnsaigh nam builean ro-innleachdail de Spòrs Fad Beatha. Tha an riarachadh buidseit de £40 millean a bharrachd do 2026/27 a’ taisbeanadh dealas Riaghaltas na h-Alba a thaobh tasgadh leantainneach ann an siostam spòrs na h-Alba agus an tabhartas aithnichte a tha spòrsalba a’ dèanamh ann an stiùireadh na roinne.

Tha fios againn gu bheil a’ bhliadhna 2026/27 a’ toirt dhuinn cothrom air leth a tha cuibhrichte le tìm, agus sin an t-adhbhar a rinn sinn gealltanas ro-innleachdail a thaobh buaidh an tasgaidh air a’ mhaoineachadh a bharrachd seo, a mheudachadh gu làn-ìre.

Air ais gu bàrr na duilleige

 

 

Meadhanan sòisealta

Thigibh a chòmhradh mu #SportForLife26 air na meadhanan sòisealta bho.

Facebook: @sportscotland 

Instagram: @sportscotland_ 

LinkedIn: @sportscotland 

Tasglann

Coimhead air gach ath-sgrùdadh bliadhnail bho spòrsalba bho 1999-2000 chun an latha an-diugh.  

Date published: 22 May 2026
Date updated: 10 August 2026

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk