Tha sgioba Sgoiltean Gnìomhach Earlston sna Crìochan ag obair le sgoiltean ionadail agus Colaiste nan Crìochan, gus taic a chur ri lìbhrigeadh air dà bhloc ghnìomhachdan ioma-sheachdaineach do nigheanan bun-sgoile. Tha na seiseanan ball-lìn do nigheanan a-mhàin nan eisimpleir faicsinneach de cho-obrachadh èifeachdach, a’ taisbeanadh mar a dh’fhaodas modh-obrach shiostaman ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra, buaidh mhòr a dhèanamh. Tha na com-pàirtichean a tha na lùib, a’ cuideachadh sgoilearan le an sgilean a leasachadh, misneachd a thogail, caraidean a dhèanamh, agus faireachdainn nas ullaichte airson an eadar-ghluasaid gu àrd-sgoil.
Tharraing seiseanan ball-lìn nigheanan com-pàirt àrd, a’ leantainn gu an tilleadh aig toiseach 2026. Thaisbean sgoilearan Prìomh 6 agus 7 dealas smaoineachail, le mòran dhiubh a’ frithealadh gach seisean a bha ri fhaotainn.
Tha Gemma Ross, Co-òrdanaiche Sgoiltean Gnìomhach airson clustar Earlston, ag obair tarsainn ochd bun-sgoiltean agus àrd-sgoil sna Crìochan agus tha i air a bhith buadhach ann am planadh agus lìbhrigeadh sheiseanan ball-lìn.
Thuirt Gemma:
“Do mhòran nigheanan, is e seo an aon chluba neo-churraicealach as urrainn dhaibh a fhritealadh, mar sin tha e cudromach dhaibh a bhith an sàs ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra agus fealla-dhà a bhith aca. Tha e gan comasachadh air coinneachadh ri agus measgachadh le an comhaoisean.”
Thuirt i cuideachd, “Tha e glè aithnichte gum bi com-pàirt nigheanan ann an spòrs glè thric a’ crionadh nuair a ghluaiseas iad don àrd-sgoil, agus tha cuid de na bun-sgoiltean san raon clustair glè bheag, mar sin tha am follaiseachadh sin glè chudromach dhaibh.”
Is e com-pàirteachas a th’ ann an Sgoiltean Gnìomhach eadar spòrsalba agus an 32 ùghdarras ionadail. Tha an lìonra air a dhèanamh suas à 400 manaidsear agus co-òrdanaiche a tha cuimsichte air leasachadh agus taic a chur ri cothroman àrd-chàileachdail do dhaoine òga a lìbhrigeadh, gus pàirt a ghabhail ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra ron sgoil, aig àm lòin, agus às dèidh na sgoile. Gach bliadhna, tha timcheall air £13M de mhaoineachadh Riaghaltas na h-Alba air a thasgadh ann an ùghdarrasan ionadail gus prògram Sgoiltean Gnìomhach a lìbhrigeadh.
Caibideil ùr ann am ball-lìn nigheanan
Tarsainn ochd bun-sgoiltean Earlston, tha PE sa chiad teirm a’ cuimseachadh air ball-lìn, le bloc trèanaidh sia-seachdainean gan togail a dh’ionnsaigh fharpaisean sgìreil. Tha na buannaichean bho gach sgìre an uair sin ag adhartachadh gu farpais dheireannach nan Crìochan, agus tha meas air an spòrs a’ cumail ri fàs bliadhna an dèidh bliadhna.
Ach, bha cothroman seachad air aois sgoile cuibhrichte agus gach bliadhna bha na nigheanan a’ faighneachd an robh cluba ionadail dom b’ urrainn dhaibh a dhol.
Thuirt Laura Mhoireach, tidsear PE aig Bun-sgoil Lauder, “Bha ìre àrd de bhall-lìn aig an fharpais, agus tha an cluba neo-churraicealach seo air cothrom a thoirt do na nigheanan cumail orra a’ cluich. Tha e a’ toirt chluicheadairean còmhla bho na sgoiltean clustair uile a tha a’ biathadh a-steach do dh’Àrd-Sgoil Earlston, mar sin dhaibhsan a tha a’ gluasad suas an ath-bhliadhna, bidh aithne aca air a chèile mar-thà a chuireas taic dha-rìribh ris an eadar-ghluasad.”
Thuirt Cadha, 12, “Is toigh leam gu bheil cothrom againn coinneachadh ri daoine ùr ris nach biodh sinn a’ measgachadh gu h-àbhaisteach, agus tha mi a’ faireachdainn air bhioran gu bheil mi a’ faighinn cothrom air an spòrs as fheàrr leam.”
Thuirt Sunne, 11, “Is e cothrom fìor mhath a th’ ann air caraidean ùra a dhèanamh airson na h-àrd-sgoile, agus tha mi cuideachd air fàs nas gnìomhaiche.”
Ann an smaoineachadh mun fhios-air-ais a fhuaireadh bho phàrantan agus com-pàirtichean, thuirt Gemma, “Is e na tha air leth tlachdmhor, a bhith a’ faicinn an atharrachaidh ann am misneachd. Tha cuid de na nigheanan a bu shàmhaiche agus nas diùid anns a’ chiad seachdain, a’ tighinn tron doras làn de spionnadh is dìoghras, dìreach on a tha e air còrdadh riutha cho mòr.”
Bidh Erin, 11, gu cunbhalach a’ frithealadh nan seiseanan ball-lin nigheanan agus a’ cluich ball-coise is hocaidh san sgoil. Tha Erin ag ràdh gu bheil ball-lìn a’ faireachdainn glè eadar-dhealaichte on a tha e an urra ri obair-sgioba – tha suidheachadh agus dreuchd shònraichte aig gach neach, a tha a’ còrdadh rithe gu mòr.
Thuirt Erin:
“Tha mi air tuiteam ann an gaol le ball-lìn agus tha e iongantach gu bheil seisean ann dha na nigheanan. Tha e cho spòrsail a bhith a’ coinneachadh ri daoine ùra bho dhiofar sgoiltean agus cuid còmhla ris am bi mi a’ dol don àrd-sgoil.”
Lionra taiceil
Mus do thòisich i a’ lìbhrigeadh sheiseanan ball-lìn mar phàirt de churraicealam na sgoile, fhritheil Laura an tidsear PE, cùrsa CPD tro Sgoiltean Gnìomhach. Tha i ag ràdh gun do cheadaich an cothrom coidsidh dhi na dh’ionnsaich i a chur an gnìomh anns na seiseanan ball-lìn nigheanan.
Thuirt Laura, “Tha mi a’ faireachdainn mar gu bheil an cùrsa CPD air a bhith na phàirt den t-slighe an lùib a bhith a’ cruthachadh boil agus dìoghras mu thimcheall ball-lìn.”
Thuirt i cuideachd, “Mar thidsear PE, tha uallach ort airson nan diofar chuspairean is spòrs uile taobh a-staigh PE, agus gu do-sheachanta tha againn ri gluasad air adhart. Le taing do Sgoiltean Gnìomhach, faodaidh na nigheanan a bha cho measail air ball-lìn, cumail orra a’ cluich tron chluba seo agus tha sin mìorbhaileach.
Tha Sgoiltean Gnìomhach air a bhith ag obair le sgoiltean airson còrr air 20 bliadhna, a’ solarachadh chothroman do chlann agus do dhaoine òga a bhith an sàs ann an spòrs, agus fuireach an sàs. Ann am meòrachadh air buaidh nas fharsainge prògram Sgoiltean Gnìomhach.
Thuirt Laura:
“Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e a’ ceadachadh do bharrachd chloinne air pàirt a ghabhail ann am measgachadh nas fharsainge de spòrs agus tha Sgoiltean Gnìomhach comasach air taic a thoirt do na tha sinn a’ teagasg taobh a-staigh a’ churraicealaim PE, mar obair-sgioba, seasmhach, co-obrachadh, spèis, agus dealas.”
Bidh Abigail, 11, a’ frithealadh sheiseanan ball-lìn às dèidh na sgoile ann an Àrd-Sgoil Earlston. Thuirt i, “Tha ball-lìn spòrsail agus tha e a’ toirt dhomh mòran a bharrachd misneachd anns na spòrsan agam gu lèir. Tha am faireachdainn uabhasach snog.”
Toirt buaidh còmhla
Thuirt Gemma, “An-uiridh, tro ar ceangal leis a’ cholaiste ionadail, chuir sinn taic ri oileanaich a’ coileanadh greisean-gnìomhachais ann am bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean ionadail. Airson a’ phìleit, rinn mi ceangal le Vikki, a bha na sgoilear a bha measail air ball-lìn a chluich, agus bha e a’ faireachdainn mar an cothrom a b’ fheàrr airson rudeigin ùr fheuchainn.”
Airson na dàrna bliadhna de bhall-lìn nigheanan a-mhàin, choinnich Gemma ri sgoilearan dealasach sa 5mh bliadhna, Isla agus Maisie, a bha mar-thà an sàs ann an cuideachadh le ball-lìn a choidseadh ann an Àrd-Sgoil Earlston, agus bha iad air leth toilichte seiseanan bun-sgoile a ghabhail os làimh cuideachd.
Thuirt Isla, “Tro sheiseanan ball-lìn nigheanan a-mhàin, tha mi air mo dhòigh-obrach, planadh, agus sgilean conaltraidh, a leasachadh. Tha mi air ionnsachadh mar a bhrosnaicheas mi na nigheanan, a thuilleadh air am misneachadh agus taic a thoirt dhaibh.”
A’ bruidhinn mu chudromachd spòrs sgoile, thuirt Isla:
“Chan eil e dìreach mu shlàinte choporra … tha na seiseanan a’ toirt cothrom do dhaoine òga air caraidean ùra a dhèanamh, sgilean ionnsachadh agus a leasachadh. Tha buaidh dhearbhach aig an sin uile air sunnd.”
Tro obair Cho-òrdanaichean Sgoiltean Gnìomhach mar Gemma, tha am prògram a’ leantainn air a’ toirt seachad àireamh de chothroman measgaichte de thrèanadh, ionnsachadh agus gnìomhachd chorporra, do chom-pàirtichean, coidsichean, stiùirichean òga, agus tidsearan.
Tha Gemma a’ meòrachadh, “Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil àite Co-òrdanaiche Sgoiltean Gnìomhach cudromach airson na ghabhas de chothroman a thoirt do dhaoine òga air mòran diofar spòrsan fheuchainn agus rudeigin a lorg sa bheil ùidh aca. Tha e cudromach gun taisbean sinn dhaibh nach fheum thu a bhith mar an neach as fheàrr, as làidire no as luaithe … tha e mu dheidhinn rudeigin a lorg a tha a’ còrdadh riut agus a tha thu airson a chumail a’ dol!