Pannal Spòrs Dhaoine Òga

Bha Nicola NicDhòmhnaill agus Panashe Muzambe 21 agus 24 le chèile nuair a chaidh Coròna-bhìoras (COVID-19) ainmeachadh mar phandamaig.

Coltach ri inbhich òga eile, chaidh stad a chur air am beatha phearsanta is phroifeiseanta nuair a chaidh a’ chiad ghlasadh nàiseanta ainmeachadh.

B’ e ballrachd co-roinnte den Young People’s Sport Panel aon dòigh leantainneachd a bha na thaic agus na fhòcas aig an àm throimh-chèile seo.

Air a stiùireadh le spòrsalba agus le taic bho Young Scot, tha an #SportPanel air a dhealbhadh gus guth dhaoine òga air feadh Alba a riochdachadh. Tha e a’ toirt cothrom do phannalaichean air spòrs ann an Alba a chumadh agus a bhuadhadh agus ìomhaigh an spòrs a thogail.

Sa Chèitean, thòisich am pannal a’ dian-bheachdachadh le Comann Slàinte Inntinn na h-Alba (SAMH) – agus còmhla smaoinich iad air dòigh anabarrach sìmplidh air an teachdaireachd a sgaoileadh air-loidhne agus daoine a chuideachadh gu fuireach gnìomhach agus ceangailte.

Rugadh #WalkAndTalk.

Chuimhnich Panashe: “Bha sinn a’ dian-bheachdachadh air na dh’fhaodadh sinn a dhèanamh, bha mòran de na dùbhlain air-loidhne a’ bàsachadh air falbh. Mar bhuidheann, smaoinich sinn air #WalkAndTalk agus tha mi den bheachd gun do chòrd e rinn sa bhad.

“Bha am beachd mìorbhaileach. Bha e fìor chudromach aig an àm sin do dhaoine a bhith a’ gearradh sìos air an ùine mu choinneamh sgrion, agus b’ e dòigh fhurasta a bha seo a dhèanamh.”

Thuirt Nicola: “Bha e ceadaichte do dhaoine a dhol a-mach airson uair a thìde gach latha, agus bha seo gu h-àraid deatamach do dhaoine a’ fuireach ann am flataichean no as dòcha aig nach robh liosan. Bha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a’ putadh an nì a thaobh fuireach ceangailte, mar sin bha sinn den bheachd gun robh e ciallach na dhà a chur còmhla.

“Chunnaic mi daoine ga dhèanamh anns gach àite bho Shealtainn gu na Crìochan. Bha co-òrdanaichean Sgoiltean Gnìomhach comasach air cuimseachadh air daoine nach robh gar leantainn air meadhanan sòisealta, agus chruthaich sin sruth.”

Sgaoil am meas air Walk And Talk seachad air spòrs agus chaidh am beachd a thogail le cuid de dh’Ionadan an NHS, on a bha buannachdan slàinte inntinn co-cheangailte ri gnìomhachd chorporra gam foillseachadh nas fharsainge am measg cùis-èiginn na slàinte phoblaich.

 

Date published: 29 March 2023
Date updated: 7 June 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk