Slànachadh Gnìomhach Mhoireibh

Spòrs a’ cur taic ri daoine òga le dùbhlain slàinte inntinn agus dèidhealachd, ann am Moireibh

Tha pròiseact ann am Moireibh a’ cleachdadh ball-coise mar thaic do dhaoine le dùbhlain slàinte inntinn agus dèidhealachd, agus gan cuideachadh a’ lorg cosnadh.

Is e com-pàirteachas a th’ ann an Slànachadh Gnìomhach Mhoireibh eadar Ionadan Spòrs Coimhearsnachd Mhoireibh, Urras Spòrs is Coimhearsnachd Eilginn, Poileas Alba agus Arrows – seirbheis Quarriers a’ solarachadh taic do dhaoine fa leth agus teaghlaichean a tha fo bhuaidh dhrogaichean agus deoch-làidir ann am Moireibh.

Chaidh a chur air bhonn sa Chèitean 2022 le amas air cothroman spòrs an-asgaidh a sholarachadh, gus ceadachadh do chom-pàirtichean eòlas a chur air an raoin fharsaing de bhuannachdan corporra agus inntinneil an lùib fuireach gnìomhach, a thuilleadh air a bhith na àrd-ùrlar airson in-ghabhail sòisealta a leasachadh, sgilean beatha a neartachadh, misneachd a thogail agus cothroman cosnaidh san àm ri teachd àrdachadh. Tha com-pàirtichean air am moladh do na seiseanan le seirbheisean sòisealta, Arrows agus luchd-obrach an NHS.

Thuirt Dimitris Chrysanthakopoulos, Oifigear Leasachaidh Ionad Spòrs Coimhearsnachd Mhoireibh: “A’ tighinn a-mach à Pandamaig COVID-19, bha mothachadh do shlàinte inntinn glè àrd agus bha fios againn gun robh e gu bhith na phrìomhachas don sgìre. Bha am pròiseact a thòisich sinn mar nì a bha a dhìth air an sgìre gun teagamh sam bith. Rinn mi conaltradh ri Arrows agus mhìnich mi mo bheachd dhaibh, agus ghabh iad ris gu tur bhon toiseach. Fhuair iad fiosrachadh air ais bhon luchd-dèiligidh aca sa chiad àite gus ar cuideachadh leis a’ phròiseact a chumadh, b’ e sin an t-adhbhar a chleachd sinn ball-coise mar a’ ghnìomhachd.

“Aon uair ’s gum faca daoine na builean a bha sinn a’ faighinn, lean e air a’ fàs, bha sinn a’ faighinn ais-fhiosrachadh fìor mhath bho chom-pàirtichean. Bha an luchd-compàirt a’ dol chun an ionaid dhreuchdan agus a’ cumail choinneamhan obair shòisealta ag ràdh cho math ’s a bha iad a’ faireachdainn on a thòisich iad air na seiseanan ball-coise.

“Tha e mìorbhaileach fhaicinn. Cha robh mi a’ sùileachadh na h-ìre seo de bhuaidh nuair a thòisich sinn air a’ phròiseact. Chì sibh cho toilichte ’s a tha gach neach aig na seiseanan, chan ann a-mhàin a’ cluich ball-coise ach a bhith comasach air coinneachadh ri caraidean agus caraidean a dhèanamh le daoine a tha a’ dèiligeadh ris na h-aon chùisean. Is e àrainneachd glè shìtheil agus fhàilteach a th’ ann. Chan aithnicheadh tu gu bheil na daoine sin a’ dèiligeadh ris na dùbhlain a tha iad.”

Date published: 8 September 2023
Date updated: 8 September 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk