Sarah Adlington

Judoka a’ gleidheadh òr a’ Cho-fhlaitheis le cuideachadh bho sgioba taic shònraichte

A’ leantainn a ciad Gheamannan Oilimpeach ann an Tokyo, ghlèidh an judoka a tiotal ann an Geamannan a’ Cho-fhlaitheis, a’ cosnadh òr ann am buidheann thar 78kg nam boireannach ann am Birmingham 2022, mar an judoka Albannach as soirbheachaile ann an Geamannan a’ Cho-fhlaitheis a-riamh. 

Bha a soirbheachadh ann am Birmingham mar thoradh air ullachadh dian tron bhliadhna le taic cudromach bhon institiùd spòrs aig spòrsalba agus Judo Alba. Cha do dh’fhàg Sarah agus a luchd-taic nì gun a dhèanamh le obair mhòr air ullachadh corporra, anacladh cuirp agus leigheas spòrs am measg raointean eile, a’ ciallachadh gun robh i ullaichte airson gnìomhadh cho math ’s a b’ urrainn dhi ann am Birmingham. 

Bha an coidse Billy Cusack, Greg Valentine (ullachadh corporra) agus Anndra Cruickshank (saidhceòlas gnìomhaidh) am measg nam prìomh luchd-obrach ann an sgioba taic Sarah. Aig an aon àm, fhuair i taic meidigeach is anaclaidh tron ullachadh aice airson Birmingham 2022.

Thuirt Greg Valentine, àrd-choidse ullachaidh chorporra aig spòrsalba, a tha air a bhith ag obair le Sarah bho 2014: “Airson nan lùth-chleasaidhean judo as fheàrr, feumaidh tu beagan den a h-uile càil. Feumaidh tu faisg air neart neach-togail chuideaman agus feumaidh tu a bhith deiseil airson mairtinn ùine fhada, coltach ri ruitheadair fad astair, mar sin tha mòran ann air am feum thu cuimseachadh le Sarah.

“Thja seasamh fìor mhath aig Sarah a thaobh trèanadh agus tha e glè fhurasta obrachadh leatha. Tha mise mun aon aois ri Sarah, tha sinn air a bhith ag obair còmhla airson naoi bliadhna agus air a bhith tro mhòran dhuilgheadasan san àm sin. Mar sin, tha a bhith ga faicinn a’ cosnadh òr ann am Birmingham, agus a’ faireachdainn mar gun do choilean mi pàirt beag ann, dìreach mìorbhaileach.”

Date published: 8 September 2023
Date updated: 8 September 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk