Wilson Dallas

Chan e dìreach dòigh air spòrs fhaotainn a th’ ann an criogaid do Wilson Dallas agus a theaghlach – tha e air an cuideachadh fàs cleachdte ri dùthaich ùr agus thàinig e gu bhith deatamach dhaibh aig àm a’ ghlasaidh. 

Thàinig an t-athair dithis a Ghlaschu mar fhògarrach à Pagastan, a’ tuineachadh ann an sgìre Allt an Fhuarain ann an Glaschu còmhla ri a mhac Liam, 12, agus Candice a tha ochd bliadhna a dh’aois.

Measail air am faighinn a-steach an lùib spòrs, mhol co-sgoilearan a mhic an ionad Wicketz ionadail, a bhios a’ cleachdadh sheiseanan criogaid an-asgaidh gus in-ghabhail sòisealta adhartachadh agus conaltradh ann an coimhearsnachdan cinnidheach eadar-mheasgte. Air a chruthachadh agus air a mhaoneachadh le carthannas a’ Mhorair Taverner agus air a lìbhrigeadh le Criogaid Alba, tha an iomairt pàirt-maoinichte le Changing Lives Through Sport agus Gnìomhachd Chorporra.  

Thuirt an neach a tha 41 bliadhna a dh’aois: “Bha e mìorbhaileach a’ faicinn chloinne bho dhiofar dhualchasan agus chultaran a’ cluich còmhla. Bha mòran gnìomhachd shòisealta a’ dol air adhart far am faodadh iad measgachadh còmhla agus an spòrs fhèin a chluich, mar sin bha mi air mo dhòigh agus fios agam gun robh mi airson Liam a bhith na lùib.”

An dèidh do Wilson Liam a chlàradh sna seiseanan aig an ionad, bha a mheas fhèin don ghèam a’ ciallachadh gun deach e na lùib mar choidse saor-thoileach ann an ùine gun a bhith fada.

Thuirt e: “Bha fios agam gun robh mi airson a bhith barrachd na lùib agus a bhith nam phàirt de a leithid seo de dh’iomairt math.

“Bha mi air  abhith a’ cluich mòran ann am Pagastan ach cha robh mi a-riamh air coidseadh a dhèanamh agus mar sin bha fios agam gur e deagh chothrom a bha seo. Chaidh fiosrachadh a thoirt dhomh mu chlasacichean agus cùrsa gus mo chuideachadh le fèin-leasachadh, a bha dìreach mìorbhaileach. Tha e air m’ eòlas fhìn air criogaid a leudachadh gun teagamh sam bith.”

A thuilleadh air cuideachadh le a leasachadh fhèin, tha Wilson ag ràdh gu bheil Wicketz air meas às ùr don ghèam a thoirt don chloinn aige – agus dh’fhàs sin follaiseach sa ghlasadh ann an 2020, le Criogaid Alba a’ toirt dhaibh laptopan air iasad gus am faodadh Liam agus Candice com-pàirteachadh ann an gnìomhachdan air-loidhne.  

Thuirt Wilson: “Thug Wicketz dhuinn cothrom a-mach à àm a dh’fhaodadh a bhith doirbh. On a bha Glaschu ùr dhuinn, bha sinn a’ smaoineachadh gun robh sinn nar n-aonar ach chuidich e sinn a bhith a’ faireachdainn an sàs agus staid inntinn diofraichte fhaotainn.”

 

 

Date published: 29 March 2023
Date updated: 7 June 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk