Ciorstaidh Muir agus Niall Simpson

A thaobh dithis luchd-sgithidh òga a bha ag amas air buannachd ann am Beijing, dh’fhaodadh glasaidhean a’ Choròna-bhìorais (COVID-19) a bhith air stad a chur orra – ach chùm com-pàirteachasan làidir air chùl gnothaich an amasan air an rathad.

Tha an neach-sgithidh saor-stoidhle Ciorstaidh Muir agus an neach-sgithidh para ailpeach Niall Simpson, nan dithis an dòchas gabhail gu na slèibhtean ann an Sìona  ann an 2022 airson Geamannan Oilimpeach a’ Gheamhraidh agus na Geamannan Para-Oilimpeach cuideachd.  

Nuair a thàinig a’ chiad ghlasadh sa Mhàrt 2020, bha e coltach gur dòcha gum feumadh iad feitheamh – ach lean an slighe spòrs le taing do thaic bho GB Snowsport (GBS), Snowsport Scotland (SSS) agus institiùd spòrs spòrsalba (SIS).

Mhìnich Ciorstaidh a tha 17: “Nuair a thàinig an glasadh, bha mi a’ trèanadh san Eilbheis, mar sin bha cabhag mhòr ann faighinn dhachaigh. Aig an àm, cha robh agam ach glè bheag de uidheam eacarsaich agus mar sin rinn Dave Boyd aig SIS plana eacarsaich dachaigh, a’ toirt feum às na bha agam agus bha mi a’ trèanadh a-muigh sa ghàrradh.

“Chuidich GBS cuideachd le Pilates agus taic eile air-loidhne gus mo chumail a’ dol, nì a bha gu tur feumail agus chaidh mo chuideachadh cuideachd le biadh-eòlas nach robh mi air a dhèanamh roimhe.”

Do Niall à Siorrachd Obar Dheathain, bha an taic air-loidhne a fhuair e aig a’ chiad ghlasadh, gun phrìs. Thuirt Niall a tha 18 bliadhna a dh’aois agus aig a bheil duilgheadas fradhairc: “Chuir an glasadh stad air nithean ach cheadaich e dhomh cuimseachadh gu tur air neart agus ullachadh fhad ’s a bha mi aig an taigh.

“Bha mi a’ conaltradh air astar le Dave Boyd [àrd-choidse ullachaidh corporra SIS], a bha anabarrach cuideachail. Bha cleasan againn airson cuid de dh’eacarsaichean oir cha robh an t-uidheam againn, ach dh’obraich e glè mhath.

“Thug GBS seachad seiseanan mothachaidh slàinte inntinn agus taic, còmhla ri iòga agus trèanadh agallamhan.  

Mar thoradh air an taic amalaichte seo, bha an dithis comasach air an trèanadh a chumail suas – agus nuair a thog na cuingealachaidhean, bha e comasach dhaibh a dhol air na slèibhtean a-rithist.

Phàigh an obair chruaidh seo dhi oir thog Ciorstaidh am bonn airgid san tachartas sleibh sgithidh aig Cupa na Cruinne ann an Aspen, Colorado, sa Mhàrt 2021. Thàinig buannachd do Niallanns am Para Ailpeach aig Cupa na Cruinne ann an Leogang san Ostair san Fhaoilleach 2021, far na choisinn e trì buinn òir agus aon bhonn airgid.

Date published: 29 March 2023
Date updated: 7 June 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk