Karin Sharp

Ann an làithean tràtha a’ Choròna-bhìorais (COVID-19) agus an glasadh-sìos nàiseanta, thug spòralba prìomhachas làidir do bhith ag àrdachadh taic do bhuidhnean riaghlaidh spòrs na h-Alba (SGBan).

Bha an taic seo air a dhealbh gus an sgioba-obrach a dhìon a tha aig teis-meadhan siostam spòrs aig ìre chruinneil na h-Alba agus dèanamh cinnteach gun leanadh àireamh-sluaigh ghnìomhach na h-Alba a’ faotainn buannachd à spòrs.

B’ e goilf aon de na spòrsan a fhuair cead an toiseach tilleadh air ais nuair a chaidh cuingealachaidhean a thogail, agus tha goilfearan ann an Alba air a bhith gnìomhach on 29 Cèitean 2020. Ach bha tilleadh a chluich toinnte ann an ceudan de chlubaichean air feadh na dùthcha. Chaidh aig Goilf Alba le taic bho spòrsalba air goilfearan a chumail a’ conaltradh agus gnìomhach tron ghlasadh, mus d’ fhuair iad buannachd à fàs ann am ballrachd agus ann an com-pàirteachadh nuair a bha e ceadaichte do chluicheadairean tilleadh chun an raoin goilf. 

Thuirt Karin Sharp, COO aig Goilf Alba: “Tro 2020, chuimsich sinn air a bhith a’ togail chom-pàirteachasan nas làidire taobh a-staigh gnìomhachas a’ ghoilf agus tarsainn na roinne spòrs. Bha taic bho spòrsalba gun phrìs aig an àm èiginneach seo gus a dhèanamh cinnteach gun robh sinn aig aghaidh an tillidh gu spòrs agus feuchainn ri dhèanamh cinnteach cuideachd gum biodh na builean deimhinneach do na clubaichean. Bha freagairt Goilf Alba don èiginn slàinte a’ gabhail a-steach a bhith a’ sianaladh barrachd maoineachaidh is ghoireasan do chlubaichean.

Chaidh fàilte a chur air iomairtean mar lasachadh cleamhnais le clubaichean, maoin faochaidh do chlubaichean agus tabhartas le cosgais stèidhichte Coròna-bhìoras (COVID-19) agus chaidh trèanadh air oifigearan COVID-19 a sholararchadh cuideachd.

Chaidh SGBan agus com-pàirtichean ionadail tarsainn an t-siostaim spòrs a sholarachadh le sia mìosan de an inbheisteadh bliadhnail (£16.4m) le spòrsalba sa Chèitean 2020. Chuidich seo le timcheall air 1,600 obair a ghleidheadh tarsainn na roinne a’ gabhail a-steach còrr air 1,000 ann an SGBan, agus chaidh targaidean is builean co-cheangailte ri maoineachadh a lasachadh cuideachd.

Chaidh na sia mìosan mu dheireadh de inbheisteadh bliadhnail (£16m) a thoirt seachad san Lùnastal cuideachd às aonais nan targaidean is builean àbhaisteach co-cheangailte.  

Cheadaich an inbheisteadh seo do SGBan air leantainn a’ toirt taic do luchd-obrach, clubaichean agus buill air feadh na dùthcha tron a’ phandamaig.  

 

Date published: 29 March 2023
Date updated: 7 June 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk