Ceitidh Matthews

Thug an galar-sgaoilte leis dùbhlain nach gabhadh a thomhas dhuinn uile. Do Cheitidh Matthews, mu choinneamh nan dùbhlan sin chunnaic i barrachd obair-sgioba agus co-dhìoghras a thaobh daoine a cho-cheangal ri an coimhearsnachdan  agus an cuideachadh gu tlachd a ghabhail à buannachdan deimhinneach an lùib spòrs agus gnìomhachd chorporra.

Bha Oifigear Ionaid Spòrs Coimhearsnachd High Life Highland am measg iadsan a bha deimhinnte ùineachan fada a’ ghlasaidh a chleachdadh a’ toirt taic do shlàinte inntinn agus sunnd ann an ceàrnaidhean dùthchail.

Stèidhichte ann an Inbhir Nis, b’ e a’ chiad phrìomhachas aice aig àm a’ ghlasaidh, ceangal a chumail ris na sia Ionadan Spòrs Coimhearsnachd (CSH) tarsainn na Gàidhealtachd a Tuath, b’ e sin Ulapul, An t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, Inbhir Theòrsa, Inbhir Ùig, Inbhir Pheofharain agus Baile Dhubhthaich.

Thuirt Ceitidh, a tha air a bhith na h-oifigear ionaid o 2018: “B’ e conaltradh am prìomh nì. Bha gach neach iomnaidheach mu fhaighinn a-mach am b’ urrainn dhaibh an gnìomhachdan a chumail a’ dol gu sàbhailte, agus b’ ann air sin a bhathar a’ cuimseachadh an toiseach. Bha e a’ ciallachadh gun robh mi ann an dlùth cheangal ri buill an ionaid agus cuideachd a’ caitheamh ùine a’ conaltradh ri com-pàirtichean coimhearsnachd ùra.  

“Mar thoradh air an lùghdachadh ann am beatha shòisealta agus eacarsaich a-staigh, bha againn cuideachd ri dòighean a lorg gus daoine a chuideachadh ag ath-cheangal agus fuireach gnìomhach, agus mar sin cheangail sinn suas ri raon farsaing de bhuidhnean treas roinne agus coimhearsnachd gus dèiligeadh ri cùisean mu thimcheall iomallachadh sòisealta, slàinte inntinn agus sunnd.”

Fhreagair Ceitidh cuideachd do fheumalachd ionadail, ag obair taobh a-staigh a’ phrògraim ghnìomhachdan a-muigh aig High Life Highland, gus clann a chumail gnìomhach.

B’ e Fèis Feel Good aon de na h-iomairtean cudromach sin, aira h-eagrachadh le CSH Ulapuil agus High Life Highland gus gnìomhachd chorporra, slàinte inntinn agus sunnd adhartachadh.

Air a cumail aig deireadh na Samhna 2020, chunnaic iad 22 com-pàirtiche a’ lìbhrigeadh 18 seiseanan neo-fhoirmeil an-asgaidh, a’ dol bho rothaireachd beinne gu seiseanan mothachaidh, le measgachadh de ghnìomhachdan a-muigh agus bhiortail.

Thuirt Ceitidh: “Bha sinn uile a’ faireachdainn gu làidir, duilich agus mar a bha e gu bhith, gun robh e fìor chudromach gun deigheadh an fhèis air adhart fiù ann an cruth diofraichte bhon bhliadhna roimhe sin.

“Bha sinn airson cothroman a thoirt do dhaoine a bhith a’ sòisealadh, a’ gabhail pàirt ann an gnìomhachdan taobh a-staigh am builgeanan fhèin agus ceangal a dhèanamh ris a’choimhearsnachd a-rithist.”

Date published: 29 March 2023
Date updated: 7 June 2023

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.  Feedback form

Enquiries should be submitted using by email to sportscotland.enquiries@sportscotland.org.uk