Gabhail Ar Pàirt 2020-21

English Gàidhlig

 

 

Ro-ràdh a’ Mhinisteir

Maree Todd – Minister for Public Health, Women’s Health and Sport

Tha mi air leth toilichte a bhith a’ foillseachadh na h-aithisg bhliadhnail seo mar Mhinistear Slàinte Phoblach, Slàinte Bhoireannach agus Spòrs, air ùr m’ fhastadh.

A’ beachdachadh air an aithisg seo agus àm far an robh sinn beò tro ghalar mòr-sgaoilte, ’s e mòmaid a th’ ann airson meòrachadh air na dùbhlain fìor mhòr ris a bheil spòrs agus an comann-sòisealta air a bhith a’ cothachadh thar na bliadhna a dh’fhalbh. Ach a’ sgrìobhadh seo san t-samhradh 2021, faodaidh sinn a bhith dòchasach gu bheil amannan nas fheàrr ri teachd.  

Tha mi airson taing a thoirt do luchd-obrach spòrsalba a bha ag obair gun abhsadh gus buaidh a’ ghalair-sgaoilte air spòrs a lasachadh agus cuideachadh le dèanamh cinnteach gun robh e comasach na ghabhadh dèanamh de spòrs leantainn air adhart nuair a bha cuibhreachaidhean ga cheadachadh.

A thuilleadh air an sin, tha mi air mo bhrosnachadh leis mar a tha an roinn spòrs air fad air obrachadh còmhla gus daoine a chumail gnìomhach, agus leis na buidhnean spòrs a lorg dòighean iongantach agus measgaichte air taic a thoirt do na coimhearsnachdan. Tha fios agam gu bheil mo roinn-taghaidh fhèin air taic a chur ris an t-sluaigh gus fuireach gnìomhach gu corporra agus tha sin dìreach mar aon de na h-eisimpleirean gun àireamh a dh’fhaodadh a bhith air a gabhail a-steach don aithisg seo.

Tha fuireach gnìomhach air a bhith deatamach do ghleidheadh air mo shunnd inntinn fhèin tron a’ ghalair. Tha mi air a bhith a’ ruith mìle gach latha a-nis thar trì bliadhna, ach tha mi air luach a chur gu h-àraid air mar a tha a bhith gnìomhach gu corporra agus dèanamh ceangal le nàdar thar na bliadhna a dh’fhalbh, air cur ri mo shunnd.

Mar a bhios tuilleadh spòrs a’ tilleadh, tha mi air bhoil gu bhith a’ faotainn tlachd às na buannachdan sòisealta co-cheangailte ri com-pàirteachadh le daoine eile. A’ coimhead air adhart, tha cothrom math ann air spòrs agus gnìomhachd chorporra a chur aig teis-meadhan a’ chlàir slàinte chasgach agus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig na h-uile air na buannachdan. A’ leughadh na h-aithisg seo, chan eil teagamh sam bith agam nach eil spòrsalba agus an roinn spòrs is gnìomhachad chorporra comasach air dèiligeadh ris an dùbhlan.

Maree Todd – Ministear Slàinte Phoblach, Slàinte Bhoireannach agus Spòrs

 

Air ais chun mhullach

 

 

Àrd-shealladh

Is e spòrsalba am buidheann nàiseanta airson spòrs. Is e ar lèirsinn gum bi Alba na àite gnìomhach far a bheil gach neach a’ faotainn buannachd bho spòrs.

Tha sinn ag inbheisteadh stòrasan Riaghaltas na h-Alba agus a’ Chrannchuir Nàiseanta gus muinntir Alba a chuideachadh leis a’ bhuannachd as àirde fhaotainn às an t-siostam spòrs.

Siostam spòrs do na h-uile  

 

 

Is e Coileanadh ar Pàirt 2020-21 an sgrùdadh bliadhnail againn. Tha e a’ còmhdach na dàrna bliadhna de ar ro-innleachd chorporra, Spòrs Fad Beatha.

San Lùnastal 2020, chuir sinn ar plana gnothachais gu aon taobh. Leasaich sinn plana gnìomha geàrr-amail mar fhreagairt do chùis-èiginn a’ Choròna-bhìorais (COVID-19). Chleachd sinn am plana seo gus ar n-obair a stiùireadh tron chòrr de 2020-21.

Mar phàirt den seo, leasaich sinn frèam-obrach ath-sgrùdaichte airson tomhas coileanaidh. Tha seo gu sealach gar gluasad air falbh bho bhith ag aithris air ar tabhartas a dh’ionnsaigh Frèam-obrach Builean Alba Ghnìomhach (ASOF). An àite sin, tha an aithisg seo a’ gabhail a-steach:

  • infografan a tha a’ taisbeanadh ar n-adhartais mu choinneamh nam prìomhachasan ro-innleachdail nar plana gnìomha geàrr-amail: cur taic ris an roinn agus cur taic ris a’ cho-chomann.
  • sgrùdaidhean cùise a tha a’ togail air a’ bhuaidh a th’ aig ar saothair cho-obrachail le com-pàirtichean tarsainn an t-siostaim sa bhliadhna a dh’fhalbh.

 

Air ais chun mhullach

 

 

 

Ath-sgrùdadh an Àrd-Oifigeir

Stewart Harris

Bu mhath leam taing a thoirt do gach neach a tha air a bhith cho dìcheallach am-bliadhna a’ cur spòrs agus gnìomhachd chorporra aig cridhe ath-shlànachadh na h-Alba bho bhuadhan galar-sgaoilte a’ Choròna-bhìorais (COVID-19). Rè amannan fada de chuibhreachaidhean air ar dòigh-beatha, bha prìomh àite aig spòrs agus gnìomhachd chorporra ann an cuideachadh dhaoine sna coimhearsnachdan air feadh na dùthcha gu an sunnd inntinneil is corporra a chumail suas.     

Eadar an Giblean 2020 agus am Màrt 2021, bha sinn ag obair tro phlana gnìomha geàrr-amail a leasachadh gus a dhol an àite a’ phlana gnothachais aig spòrsalba a bh’ againn roimhe. Leis an inbheisteadh bho Riaghaltas na h-Alba agus bhon Chrannchur Nàiseanta, chaidh ceumannan a chur nan àite gus taic a chur ris an roinn agus obraichean a dhìon, a’ cleachdadh modh-obrach freagarrach agus sùbailte airson stòrasan a sholarachadh do chom-pàirtichean ionadail agus nàiseanta.

Mar a tha an ath-sgrùdadh bliadhnail seo a’ taisbeanadh, fhreagair an roinn don chùis-èiginn le bhith a’ dèanamh mòran a bharrachd agus a dh’fheumadh iad gus feumalachdan ionadail a choinneachadh air feadh Alba, ann am meadhan càs poblach slàinte. Thàinig sgiobaidhean Sgoiltean Gnìomhach agus Ionadan Spòrs Coimhearsnachd gu cobhair nan coimhearsnachdan, a’ cur taic ri ionadan cùram-chloinne agus a’ lìbhrigeadh solar deatamach dhaibhsan ann an èis, fhad ’s a bha Ionad Trèanaidh Nàiseanta Inbhir Chluaidh aig spòrsalba ga chleachdadh mar ionad banachdaich.  

Leis an sgaoileadh soirbheachail air a’ phrògram banachdaich, tillidh sinn gu spòrs. Cho fada ’s a dh’fheumar, leanaidh spòrsalba air adhart a’ cur taic ris an roinn anns gach dòigh a ghabhas a dhèanamh agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri ar com-pàirteachasan a leasachadh tarsainn spòrs agus tarsainn na roinne phoblaich nas fharsainge.

Stiùbhart Harris, Àrd-Oifigear, spòrsalba

 

Air ais chun mhullach

 

 

 

Coileanadh ar pàirt an lùib a’ Choròna-bhìorais

Tha galar-sgaoilte a’ Choròna-bhìorais (COVID-19) a’ leantainn air adhart a’ cur a’ cho-chomann troimh-a-chèile. Tha e air buaidh cudromach a thoirt air an roinn spòrs agus gnìomhachd chorporra. Thar na bliadhna a dh’fhalbh, is e ar prìomhachas taic a chur ris an roinn a dh’ionnsaigh ath-shlànachadh agus dèanamh cinnteach gu bheil coimhearsnachdan air feadh Alba a’ leantainn air adhart a’ faotainn bhunnachdan bho spòrs is gnìomhachd chorporra a thaobh an slàinte inntinn is chorporra.

Tràth sa ghalar-sgaoilte, ghabh sinn ri modh-obrach sùbailte a thaobh ar n-inbheistidh nar com-pàirtichean ionadail agus nàiseanta. Chuidich seo le obraichean phroifeiseantaich a dhìon tarsainn na roinne spòrs, a’ dèanamh cinnteach gum b’ urrainn don lìonra freagairt do fheumalachd ionadail agus cuideachadh le taic do choimhearsnachdan air feadh Alba. Ann an 28 ùghdarrasan ionadail, dh’atharraich sgiobaidhean Sgoiltean Gnìomhach gu taic a chur ri 149 ionadan cùraim-chloinne, air an stèidheachadh do chlann so-leònte agus clann luchd-obrach deatamach. Chomasaich an taic èiseil seo com-pàirtichean ùghdarrasan ionadail air an gealltasan a choileanadh agus rinn e cinnteach gun robh ionadan a’ prìomhachadh lìbhrigeadh air spòrs agus gnìomhachd chorporra. Fhreagair mòran ionadan spòrs coimhearsnachd do na cuibhreachaidhean le bhith a’ leudachadh an raoin taic aca do choimhearsnachdan ionadail, a’ gabhail a-steach liubhairt air parsailean bidhe, togail òrdughan cungaidh-leigheis agus coileanadh sgrùdaidhean sunnd.  

Lean sinn air adhart a’ tional fiosrachaidh gus ar cuideachadh gu tuigsinn fhaotainn air a’ bhuaidh a th’ aig a’ chùis-èiginn air obrachaidhean agus seasmhachd chom-pàirtichean. Chuidich am modh-obrach seo sinne gu ceumannan taic a dhealbhadh stèidhichte air feumalachdan chom-pàirtichean, leithid leasachadh air maoin shònraichte airson cuideachadh le taic a chur ri ath-shlànachadh air buidhnean riaghlaidh spòrs na h-Alba (SGB). Cho-obraich sinn le Riaghaltas na h-Alba gus an cuideachadh gu co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh mu spòrs agus dèanamh cinnteach gum faod buidhnean spòrs brath a ghabhail air pasgain taic a tha rim faotainn ann an Alba agus san RA.

B’ e prìomh phàirt de ar fòcas a bhith ag obair gu dlùth le com-pàirtichean gus an cuideachafh gu planadh air spòrs agus gnìomhachd chorporra a thilleadh gu sàbhailte, ann an co-rèir ri stiùiridhean an riaghaltais. Chuidich ar modh-obrach stèidhichte air siostam le planaichean adhartachadh do spòrs sgoile, cluba agus coimhearsnachd, taobh ri taobh le tilleadh gu trèanadh agus farpais do lùth-chleasaichean gnìomhaidh. Sholaraich sinn raon de stiùireadh sònraichte, trèanadh agus goireasan do chom-pàirtichean, a’ gabhail a-steach luchd-obrach proifeiseanta, com-pàirtichean, lùth-chleasaichean, obraichean ghoireasan, coidsichean, saor-thoilich, luchd-liubhairt, pàrantan agus luchd-cùraim. Gu h-iomlan, chuir sinn taic ri leasachadh agus foillseachadh air 450 sgrìobhainn stiùiridh mar fhreagairt do atharrachaidhean an riaghaltais air cuibhreachaidhean. Rinn sinn measadh buaidh co-ionannachd air ar prìomh stiùireadh agus trèanadh. Rinn seo cinnteach gun tug sinn an fheum as fheàrr à buadhan deimhinneach agus ghabh sinn ceumannan gus buadhan àicheil sam bith san amharc a lasachadh.

Thug ar n-ionadan nàiseanta seachad taic dheatamach. Bha sinn ag obair le Sgioba Planaidh Fulangais NHS Siorrachd Àir agus Arainn gus Ionad Trèanaidh Spòrs Nàiseanta Inbhir Chluaidh aig spòrsalba a chleachdadh mar ionad banachdaich ionadail airson na Leargaidh Ghallta agus nan sgìrean mun cuairt. Chaidh an làrach a chleachdadh an toiseach mar ionad banachdaich sa Ghearran 2021 le iomlan de chòrr air 1200 banachdach san latha ga toirt seachad. Bha àite deatamach aig luchd-obrach an ionaid a’ coileanadh dhleastanasan marasglaidh gu saor-thoileach. Nuair a cheadaich an stiùireadh, dh’fhosgail sinn Ionad Nàiseanta Loidse a’ Ghlinne Mhòir aig spòrsalba gus slighean teisteanais ann an spòrs a-muigh agus dàn-thursan a phrìomhachadh agus a thaic. Bha Seirbheis Fiosrachaidh Maoim-sneachda na h-Alba a’ lìbhrigeadh ro-aithrisean làitheil tron gheamhradh gus taic a chur ri sàbhailteachd sna beanntan.

Tron ghalar-sgaoilte, sholaraich sinn fiosrachadh agus taic dheatamach tro ar sianalan conaltraidh. Mheudaich sinn tricead ar conaltraidhean bhon taobh a-staigh agus an taobh a-muigh. Leasaich sinn roinn fiosrachaidh is ghoireasan a’ Choròna-bhìorais (COVID-19) air ar làrach-lìn. Lìbhrig sinn iomairtean conaltraidh sònraichte, a’ cuimseachadh air ath-mhisneachadh agus cunntasachd mu dheidhinn mar a ghluaises sinn mar roinn gus tilleadh gu spòrs. Dh’obraich sinn cuideachd le com-pàirtichean air iomairtean gus buannachdan spòrs agus gnìomhachd chorporra adhartachadh agus daoine a bhrosnachadh gu fuireach ceangailte rè a’ ghalair-sgaoilte taobh a-staigh stiùiridhean an riaghaltais.

A’ coimhead air adhart, thuig sinn an fheum air na tha sinn a’ dèanamh atharrachadh, stèidhichte air na tha a’ tachairt mun cuairt oirnn. Mothachail don t-suidheachadh seo, tharraing sinn còmhla buidheann de phrìomh luchd-ùidhe bhon roinn spòrs is gnìomhachd chorporra. Leasaich am buidheann còmhla plana gnìomha ath-shlànachaidh fad-amail agus teachdaireachdan cunbhalach don roinn, leis an amas iomlan air fulangas a thogail agus freagairt do dhùbhlain air an toirt am follais leis a’ chùis-èiginn slàinte phoblaich.

 

Air ais chun mhullach

 

 

Ar taic

  • Tional agus roinn fiosrachaidh mu bhuaidh COVID-19 tarsainn na roinne spòrs agus gnìomhachd chorporra.
  • Solarachadh modh-obrach sùbailte freagairteach a thaobh inbheisteadh agus taic stèidhichte air feumalachdan chom-pàirtichean, a’ gabhail a-steach sruthan inbheistidh sònraichte a bharrachd.
  • Leasachadh stiùireadh, goireasan agus trèanadh sònraichte airson tilleadh gu spòrs agus dèanamh cinnteach gu bheil iad sin air am measadh a thaobh buaidh co-ionannachd.
  • Toirt fiosrachadh agus goireasan Coròna-bhìoras (COVID-19) gu buil.
  • Lìbhrigeadh iomairtean Conaltraidh gus buannachdan spòrs is gnìomhachd chorporra adhartachadh.
  • Cur taic ri planadh gnìomha a thaobh ath-leasachadh fad-amail agus teachdaireachdan cunbhalach don roinn.

Back to top

 

 

Air ais chun mhullach

 

 

Mun dàta

Tha an dàta san aithisg seo bho sgrùdadh àbhaisteach air an taobh a-staigh, agus ar:  

  • suirbhidh chom-pàirtichean – 148 freagairt
  • suirbhidh cluba – 375 freagairt
  • suirbhidh lùth-chleasaichean le taic bho institiùd spòrs spòrsalba – 247 freagairt

Chleachd na suirbhidhean uile sampallan goireasach gus na reataichean freagairt a làn-mheudachadh.

Am measg an luchd-freagairt do ar suirbhidh chom-pàirtichean, bha:

  • SGBan agus luchd-obrach chom-pàirtichean nàiseanta a’ gabhail a-steach CEOan, Cathraichean, Ceannardan Leasachaidh agus Ceannardan Coileanaidh.
  • Manaidsearan agus co-òrdanaichean Sgoiltean Gnìomhach.
  • Manaidsearan leasachaidh spòrs agus oifigearan.
  • Manaidsearan agus oifigearan ionadan spòrs coimhearsnachd.
  • Luchd-obrach Urras nan Cur-seachadan.
  • Solaraichean ghoireasan spòrs.
  • Luchd-obrach bhuidhnean treas roinne.
  • Luchd-obrach foghlaim adhartach agus àrd-ìre.
  • Luchd-obrach eile agus saor-thoilich na roinne spòrs.

Bha freagairtean do ar suirbhidh cluba a’ gabhail a-steach 45 spòrs diofraichte.

Am measg chothroman trèanaidh COVID-19 aig spòrsalba, bha:

  • Coinneamh-lìn Ullachadh Choidsichean airson Spòrs.
  • Coinneamh-lìn Ullachadh Ghoireasan airson Spòrs.
  • Sunnd Inntinn air a lìbhrigeadh le Comann Slàinte Inntinn na h-Alba.
  • Sgoiltean Gnìomhach a’ comasachadh bhùithtean-obrach bhiortail.
  • Modal e-ionnsachaidh Coròna-bhìoras (COVID-19) do chluicheadairean, com-pàirtichean agus pàrantan/luchd-cùraim chloinne agus dhaoine òga.
  • Trèanadh COVID-19 do oifigearan cluba agus do bhuidhnean coimhearsnachd.

Fhuair sinn fiosrachadh air ais bho 14,541 neach a-mach à 37,352 a ghabh cothrom air an trèanadh. Chan eil am figear soilleir a thaobh dhaoine a’ gabhail chothroman trèanaidh os làimh. Tha seo a’ ciallachadh gur dòcha gu bheil iomadh cunntadh air daoine a’ gabhail cothrom air barrachd na aon chothrom trèanaidh.

Chaidh dàta gu sònraichte co-cheangailte ri sgoiltean agus gnìomhachd foghlaim a sholarachadh le 31 a-mach à 32 sgioba Sgoiltean Gnìomhach. Bha aon sgioba air fòrladh rè ùine na suirbhidh.

 

Air ais chun mhullach

 

 

Geàrr-iomradh ionmhasail

Tùsan maoineachaidh

Tuairisgeul  Sùim £m

Maoineachadh Riaghaltas na h-Alba

38.600

Tarraing-sìos a’ Chrannchuir Nàiseanta

25.925

Iomlan

64.524

Mìneachadh caiteachais

Tuairisgeul  Sùim £m

Sgoiltean agus Foghlam

16.509

Clubaichean agus Coimhearsnachdan

26.081

CoileanadhCoileanadh

15.965

Iomlan

58.555

Tha an diofar eadar teachd-a-steach agus caiteachas co-cheangailte ri diofar tìmeachaidh aig deireadh na bliadhna, le cuid de phròiseactan air an gealltainn fhathast gun tòiseachadh.

Tuilleadh fiosrachaidh mu na sùimean (£) air an tasgadh ann an spòrsan fa leth, com-pàirtichean nàiseanta agus ùghdarrasan ionadail.

 

 

Air ais chun mhullach

Meadhanan sòisealta

Thig a chòmhradh mu dheidinn #PlayingOurPart21 air Twitter bho 9 Sultain.

Tasglann

Thoir sùil air gach ath-sgrùdadh bliadhnail aig spòrsalba bho 1999-2000 chun an latha an-diugh.

 

Air ais chun mhullach

Date published: 13 August 2021
Date updated: 06 September 2021

Feedback

Your feedback will help us to improve this site. Please don't provide any personal information.

Enquiries should be submitted using the Enquiry form